An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "A' Bheurla Ghallda"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 31:
'S e a' Bheurla Ghallda an cànan a bh' aca ann an [[Lodainn]] (agus an t-seann rìoghachd [[Sasannach|Shasannach]] [[Rìoghachd Northumbria|Northumbria]], anns an robh Lodainn mus d' fhuair na Gàidheil smachd oirre) agus 's e a chur às den [[Gàidhlig|Ghàidhlig]] air [[a' Ghalldachd|Galldachd]] na h-Alba. Aig aon àm, bha a' Bheurla Ghallda ga cleachdadh mar prìomh-chànan [[Alba]]: 's i bhiodh air a cleachdadh mar cànan oifigeil na [[Rìghrean na h-Alba|Rìghrean]] agus am [[Pàrlamaid]]. An dèidh do dh'Alba aonachadh le [[Sasainn]] ann an [[1707]] ge-tà, chaidh crìonadh a dheanamh oirre, agus tha [[Beurla]] air a h-aite a ghabhail mar prìomh-chànan na h-Alba. Tha tòrr [[bàrdachd]] ainmeil air a sgrìobhadh sa chànan agus 's e [[Raibeart Burns]] am bàrd as ainmeile a rinn obair innte.
 
'S e 'Inglis' a bh' aig na Goill air an cànan an toiseach, ach mun 15mh-16mh linn thoisich iad a gabhail 'Scottis' air, ged is e seo an t-ainm a bh' aca air Gàidhlig aig an àm. 'S e 'Erse' no 'Irish' a ghabh iad air Gàidhlig na h-Alba na àite.
 
Tha feadhainn ann an saoghal na Gàidhlig a chleachdas an nuadh-fhacal connspaideach 'Albais' mar ainm air a' Bheurla Gallda.