114
deasachadh
bNo edit summary |
bNo edit summary |
||
'S e '''Èirinn a Tuath''' <ref>Feuch Facal, Gairm (1995), ISBN 1-871901-39-1</ref> ([[Gàidhlig na h-Èireann]]: ''Tuaisceart Éireann''; [[Beurla]]: ''Northern Ireland''; ''Ullans'': ''Norlin Airlann'') roinn den [[Rìoghachd Aonaichte]]. Tha [[Beul-Feirste]] aice mar [[prìomh-bhaile]] agus tha 1,837,938 neach a' fuireach innte. Tha trì chànain: [[Gàidhlig na h-Èireann]], ''Ullans'' ([[Beurla Ghallda]] [[Ulaidh]]) agus [[Beurla]] air aithneachadh anns an sgìre.
Bidh feadhainn ag eigheachd [[Còigeamh Uladh]] air ach chan eil ach mu dà-threas den sgìre ud (agus 86% dhen àireamh-shluaigh) fo chùmhachd riaghaltas Èirinn a Tuath. Tha strì mòr air a bhith anns an dùthaich eadar na daoine a tha a' fuireach ann o chaidh thaobh a deas Èirinn a phàirteachadh bhon [[Rìoghachd Aonaichte]] ann an 1922, gu h-àraidh an dèidh deireadh na [[1960an]] nuair a thòisich na "troubles" mar a chanas daoine ris an strì anns a' Bheurla. Tha an sluagh-aonachdach, ("Unionists"), leis a chuid mhòr a' leantainn an [[creideamh]] Pròsdanach, agus sinnsearachd [[Gallda]] [[Albannach]] aca, airson Èirinn a Tuath a chumail mar pàirt den [[Rìoghachd Aonaichte]]. Tha na nàiseantaich, no gu tric "Poblachdaich", a tha gu mòr nan [[Eaglais Caitligeach|Caitligich]] airson aonachadh le [[Poblachd na h-Èireann]] agus mar sin [[Èirinn|Eilean Eirinn]] aonachadh fo aon riaghaltas Eirinneach, taobh a-muigh den RA. '
== Iomradh ==
|
deasachadh