An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Epictetus"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 2:
B' e [[tràilleachd|tràill]] agus [[Feallsanachd|feallsanaiche]] à [[Impireachd na Ròimhe]] a ghabhadh ri [[stòthachd]] a bh' ann an '''Epictetus''' ([[Greugais]]: ''Ἐπίκτητος'', [[Pamukkale|Hierapolis]] mu [[50]] - [[Nicopolis]] mu [[135]]).<ref>Pedro P. Fuentes González. art. "Épictète", ann an R. Goulet, Dictionnaire des Philosophes Antiques III, [[Paris]], CNRS, [[2000]], 106–151 ISBN 2-271-05748-5.</ref> Rugadh e ann am Phrygia, a bha na rìoghachd Ghreugach ann an Anatolia. Bha a [[màthair|mhàthair]] na tràill agus chaidh a reic gu fear beairteach anns [[An Ròimh]] air an robh Epaphroditos, rùnaire [[Nero]]. Tha an t-[[ainm]] a' ciallachadh ''air a cheannachd'' ann an Greugais. Ged a bha e na thràill, fhuair e cead ri dhol gu clasaichean feallsanachd a chumadh [[Gaius Musonius Rufus]]. Thug sin piseach air inbhe. Chaidh Epictetus a shaorachadh mu [[68]] agus thòisich e feallsanachd a theagasg, an t-Impire [[Hadrianus]] nam measg. B' fheudar do dh'Epictetus An Ròimh fhàgail airson Nicopolis ann an [[94]] nuair a dheòraich [[Domitianus]] gach uile feallsanaiche. Thug e buaidh uabhasach fhèin làidir air [[Marcus Aurelius]].<ref>Werner Sohn, Epictetus: Ein erzkonservativer Bildungsroman mit liberalen Eselsohren, [[Norderstedt]], BoD, [[2010]] ISBN 978-3-8391-5231-7.</ref>
 
==Na thuirt e==
'S e gu bheil smachd againne air corra rud, agus corra nach eil. Tha beachdan, miannanchd, fadachd agus gràin nar cumhachd; agus, gu dearbh, gach uile rud a nì sinn. Chan eil roghainn againn a thaobh a' chuirp, airgead, glòir neo riaghaltasan: anns an dealachadh, na rud nach dèan sinn fhìn. <ref>Res quaedam in potestate nostra sunt, quaedam non sunt. In nostra potestate est opinio, appetitio, desiderium, averatio; et, ut uno complectar verbo, quaelibet nostrae actiones. Nostri arbitrii non sunt corpus, pecunia, gloria, imperia: ad summam, ea quae ipsi non agimus, omnia.</ref>
==Iomraidhean==
<references/>