An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jaume Aymar i Ragolta"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
'S e [[sagart]], [[eachdraiche]], [[eadar-theangair]] agus [[ollamh]] a th' ann an '''Jaume Aymar i Ragolta''' ([[Barcelona]], 14mh [[an Cèitean]] [[1957]]. B' ann ann an [[1993]] a fhuair Aymar a [[dotaireachd|dhotaireachd]] ann an eachdraidh an ealaine à [[Oilthigh Bharcelona]]. Tha e na ollamh anns na Dàimhean [[Feallsanachd]] agus Saidheansan Conaltraidh aig [[Oilthigh Ramon Llull]], far a bheil e a' teagasg [[eachdraidh]], eachdraidh ealaine, eisteadaigeachd, iconografia agus cùrsaichean mu na meadhanan airson [[neach-teagaisg|luchd-teagaisg]].<ref>[http://www.filosofia.url.edu Filosofia]</ref> Eadar [[1998]] agus [[2005]], bha e na dheadhanach san Dàimh Fheallsanachd aig Oilthigh Ramon Llull. Bho [[2008]] tha Aymar air a bhith na riochdaire air Ràdio Estel, a tha fo sgàil àrd-easbaigeachd Bharcelona, agus am foillseachan seachdaineil cultarail creideamhach ''Catalunya Cristiana'' (Gàidhlig: Catalòinia [[Crìosdaidheachd|Chrìosdaidh]]).<ref>XX</ref> bho [[1991]] gu ruige [[2014]] bha e na reachdaire sa [[parraist]] ''Sant Francesc d'Assís'' [[Naomh]] Prainnseas à Assissi, agus an [[eaglais]] Santa Maria (Gàidhlig: Moire Òigh) san aon bhaile.<ref>[http://www.lavanguardia.com/local/barcelones-nord/20140626/54410360047/badalona-iglesia-noches-jovenes.html La Vanguardia]</ref> A thaobh rannsachaidh, tha Aymar air iomadh [[leabhar]] agus aiste a sgrìobhadh, a bharrachd air taisbeanaidhean - an dà chuid mhaireannach is sealach - a chur air dòigh. B' ann ann an [[1994]] a stèidhich esan ''Ràdio Estel'' (106.6 FM). 'S e ceann-suidhe ''Fundació Catalunya-Amèrica'' (Gàidhlig: Fonndas Catalòinia-Aimearaga) a th' ann, a bhrosnaicheas an càirdeas eadar [[Catalòinia]] agus [[Na h-Aimearagan]], agus tha e cuideachd na bhall-stèichichidh ''l'Àmbit d'Investigació i Difusió Maria Corral'' (Gàidhlig: An Raon Rannsachaidh agus Sgaoileadh Maria Corral). Ann an [[2012]] bha Aymar ainmeachadh na uchd-leanabh [[baile|a' bhaile]] [[Calonge]], ann am Baix Empordà. Aig deireadh a' bhliadhna [[2012]], fhuair e cliù air sgàth 's gun do dh'fhoillsich e teòraidh iontach a chanadh cha b' ann dìreach à Catalòinia ' s a bha [[Cristoforo Colombo]] ach à Calonge.<ref>[http://www.elpuntavui.cat/noticia/article/5-cultura/19-cultura/582790-un-documental-planteja-la-hipotesi-que-cristofor-colom-era-calongi.html El Punt Avui]</ref> Mar àrd-shagart, tha e a' searmonadh co-bhall sìtheil eadar gach uile creideamh.<ref>[http://www.elpuntavui.cat/noticia/article/2-societat/-/36325-diferents-confessions-religioses-clamen-a-badalona-a-favor-de-la-convivencia.html El Punt Avui]</ref>
 
==Obair==