An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sibiu"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
 
==Eachdraidh==
'S ann à ainm na h-Aibhne ''Cibinium'' ann an [[Laideann]] s' a tha ainm a' bhaile.<ref>Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, [[Bucharest]], [[1963]].</ref> Bhuinneadh an t-àite dhan roinn [[Impireachd na Ròimhe|Ròmanach]] Dacia. Chanadh ''Cedonia'' ris an àite aig àm nan Daci agus Impireachd na Ròimhe. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1191]] mar ''Cipin'' agus an uair sin mar ''Prepositus Scibiniensis'' ann an [[1211]]. Bha an t-ainm air atharrachadh gu ''Villa Hermanni'' ann an [[1223]] ann an ònoir an àrd-[[Easbaig|easbaige]] Hermann II à [[Köln]]. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Sibiu nam measg. 'S e an adhbhar a chanar ''Siebenbürgen'' (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.<ref>Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, [[Köln]]/[[Weimar]]/[[Vienna]], [[2003]].</ref> Bhuinneadh am baile dhan [[Prionnsalachd Transsilvania|Phrionnsalachd Transsilvania]] bho [[1541]] gu ruige [[1699]].<ref>Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde [[Heidelberg]], [[2002]].</ref> Ghabh am baile ris an [[An t-Ath-Leasachadh|Ath-Leasachadh]] agus na sgrìobh [[Martin Luther|Màrtainn Lùtair]] ann an [[1523]].<ref>Ulrich Andreas Wien: Siebenbürgen - Pionierregion der Religionsfreiheit: Luther, Honterus und die Wirkungen der Reformation. Schiller Verlag, [[Sibiu]]/[[Bonn]], [[2017]], ISBN 978-3-946954-05-7</ref> B' ann ann an Sibiu a chaidh a stèidheachadh a' chiad bancabhanca Romàinianach. Bhuinneadh am baile dhan [[Ostair-Ungaire]] gu ruige [[1922]], nuair a ghabh Romàinia os làimh e. Bha mòr-chuid Gearmailteach ann ach dh'fhalbh iad uile gu lèir an dèidh [[An Dàrna Cogadh|An Dàrna Cogaidh]] agus, gu seachd-àraidh, fhad's a bha [[Nicolae Ceauşescu]] os cionn na [[Dùthaich|dùthcha]].
 
== Daoine ainmeil ==