An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Sighișoara"

Content deleted Content added
Loidhne 20:
 
==Eachdraidh==
'S ann às an [[Facal|fhacal]] ''vár'' ([[Gàidhlig]]: [[cathair]]) ann an [[Ungairis]] agus ainm seann tuineachadh nan Daci air an robh ''Sandava'' s' a tha ainm a' bhaile.<ref>Iorgu Iordan - Dicționar onomastic românesc, [[Bucharest]], [[1963]].</ref> Bhuinneadh an t-àite dhan roinn [[Impireachd na Ròimhe|Ròmanach]] Dacia. Tha cuid a dhaoine eile dhen bheachd gur ann às an fhacal ''sechs'' (Gàidhlig: [[sia]]). Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1191]] mar ''Castrum Sexum'' agus an uair sin mar ''Schespurch'' ann an [[1298]]. Nuair a dh' iarr Rìgh na h-Ungair air na Sagsannaich gun gabhadh iad còmhnaidh ann an Transsilvania anns na meadhannan aoisean, stèidhich iad seachd bailtean daingnichte, Sighișoara nam measg. 'S e an adhbhar a chanar ''Siebenbürgen'' (Gàidhlig: seachd caistealan) ri Transsilvania ann an Gearmailtis.<ref>Harald Roth: Kleine Geschichte Siebenbürgens. Böhlau, [[Köhln]]/[[Weimar]]/[[Vienna]], [[2003]].</ref> Bhuinneadh am baile dhan [[Prionnsalachd Transsilvania|Phrionnsalachd Transsilvania]] bho [[1541]] gu ruige [[1699]].<ref>Gerald Volkmer, Das Fürstentum Siebenbürgen (1541-1691). Außenpolitik und völkerrechtliche Stellung], Arbeitskreis für Siebenbürgische Landeskunde [[Heidelberg]], [[2002]].</ref> Ghabh am baile ris an [[An t-Ath-Leasachadh|Ath-Leasachadh]] agus na sgrìobh [[Martin Luther|Màrtainn Lùtair]] ann an [[1550]].<ref>Ulrich Andreas Wien: Siebenbürgen - Pionierregion der Religionsfreiheit: Luther, Honterus und die Wirkungen der Reformation. Schiller Verlag, [[Sibiu]]/[[Bonn]], [[2017]], ISBN 978-3-946954-05-7</ref> Thug a' Phlàigh buaidh uabhasach fhèin làidir air Sighișoara san [[17mh Linn]], nuair a chaochail lrth chuid muinntir a' bhaile. Fhuair [[Sándor Petőfi]], Gaisgeach rèabhlaid na h-Ungaire bàs an seo aig Blàr Segesvár, air [[31 an t-Iuchar]] [[1849]].<ref>Illyés Gyula: Sandor Petöfi. Ein Lebensbild. Aus dem Ungarischen übers. von Johanna Till. Aufbau-Verlag, [[Berlin]], [[1971]], DNB 574115293.</ref> Bhuinneadh am baile dhan [[Ostair-Ungaire]] gu ruige [[1922]], nuair a ghabh Romàinia os làimh e.
 
== Daoine ainmeil ==