An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ștefan Gheorghiu"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[saor]], [[deasaiche]], ceannard [[aonadh-ciùird|aonaidh-ciùird]] agus neach-[[poileataigs]] [[Sòisealachd|Sòisealach]] à [[Romàinia]] a bh' ann an '''Ștefan Gheorghiu''' ([[Ploieşti]], [[15 am Faoilleach]] [[1879]] - [[Bucharest]], [[19 am Màrt]] [[1914]]).<ref>Florin Constantiniu: Gheorghiu, Ștefan, Biographical dictionary of European labor leaders. Band 1: A–L. Greenwood, [[Westport, Connecticut|Westport]], UA, [[1995]], ISBN 0-313-29899-8.</ref> Bhuinneadh e do [[Teaghlach|theaghlach]] [[Clas-obrach]] bochd: bha [[athair]] na shaor roimhe.<ref>[https://jurnalul.ro/scinteia/special/dulgherul-din-ploiesti-revolutionar-de-meserie-513970.html Florin Mihai, Jurnal, 2009]</ref> Ghabh e ann an Club Luchd-obrach Sòisealach ann am Ploieşti nuair a bha e dìreach 17 [[bliadhna]] a dh' aois. Bha e doirbh dhàsan obair sheasmhach fhaighinn agus companaidhean a' seachnadh cosnadh math a thoirt do mhìleantaich. Ghabh e pàirt ann an Caismeachd mhòr nan Luchd-obrach am Bucharest ann an [[1903]]. Thathar ag ràdh gun deach e ann air chois leis nach robh sgillinn ruadh aige airson an [[trèana]]. Chuir esan agus a dheagh charaid Nae Georgescu buidheann luchd-obrach air dòigh air an robh ''România muncitoare'' ([[Gàidhlig]]: Romàinia na h-Obrach) agus dheasaicheadh e [[iris]] na buidhne cuideachd. B' ann ann an [[1907]] a thòisich a chuid shlàinte a dhol na lughad.<ref>Mihail Gheorghiu Bujor: Ștefan Gheorghiu și epoca sa. (1905–1961). Politicǎ, [[Bucharest]], [[1968]].</ref> Chaidh a chur an greim leis an [[Arm]] agus an stàit a' fàgail airsan gun do chuir e air bhog ar-a-mach an aghaidh an [[Riaghaltas|Riaghaltais]]. Thug droch shuidheachadh a' phrìosain buaidh làidir air a chorp is e fo ghlasaibh ann an carcair bog fluich ann an [[Galați]] fad [[bliadhna]]. Nuair a leigeadh saor e, chaidh e mun cuairt ann an Galați agus [[Brăila]] agus e a' brosnachadh luchd-obrach na sgìre ri sheasamh airson an cuid chòirichean. Ach b' fheudar dha mìosan a chur seachad ann an [[sanaidh]] faisg air [[Iași]] ann an [[1911]], agus an uair sin chaidh e thall thairis gu [[Cathair Alasdair]] anns [[An Èipheit]], ann an [[1912]]. Nuair a thill e dhachaidh fhuair e dreuchd mar rùnaire aonadh-ciùìrd na [[Còmhdhail|Còmhdhalach]] air an robh ''Uniunea muncitorilor de transport din România'' ([[Gàidhlig]]: Aonadh Luchd-obrach na Còmhdhalach ann an Romàinia). A' dh'aindeoin sin, bha e air iomallachadh gu [[Poileataigs|poiliteagach]] aig ìre nàiseanta air sgàth 's gu robh e a' gabhail ri [[Ain-Riaghailteachd|ain-riaghailteachd]]. Chaochail Gheorghiu leis [[a' Chaitheamh]] san [[ospadal]] ann am Bucharest an an 1914.<ref>Martin Veith: Militant! Stefan Gheorghiu und die revolutionäre Arbeiterbewegung Rumäniens. Edition AV, [[Bodenburg]], [[2015]], ISBN 978-3-86841-134-8.</ref>
 
== Iomraidhean ==