An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Friedrich Nietzsche"

Content deleted Content added
cuid de na h-obraichean aig Nietzsche
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e feallsanach às [[a' Ghearmailt]] a bhabh' ann am '''Friedrich Nietzsche''' ([[Röcken]], [[15 an Dàmhair]] [[1844]] - [[Weimar]], [[25 an Lùnastal]] [[1900]]).
 
Rugadh e ann an [[Röcken|Röcken bei Lützen]] is bho 5 bliadhna a dh'aois thogadh e ann an [[Naumburg an der Saale]]. Eadar aoisean 14 is 19 bha e na sgoilear aig sgoil-chòmhnaidh faisg air Naumburg far an do leugh e obraichean le [[Friedrich Hölderlin]] agus [[David Strauss]]. Bha e na oileanach aig [[Oilthigh Bhonn]] agus an-sin aig [[Oilthigh Leipzig]], far an do dh'fhoillsich e aistean air bàird Seann-ghreugach agus [[Aristotelis|Arastotal]]. Lorg e na h-obraichean [[Arthur Schopenhauer|Schopenhauer]] a thoireadh buaidh mhòr air. Rinn e càirdeas ri [[Richard Wagner]] is Wagner ga mholadh airson chathair aig [[Oilthigh Bhasel]], far an deach e na ollamh ann an 1869 aig aois 24. Dh'fhrithealaich e mar chuidiche ospadail anns a' Chogadh Fraing-Phruiseach ann an 1870 is fhuair e [[galar na h-amhaich]] agus [[an galar-gasta]]. Thug Nietzsche buaidh uabhasach fhèin làidir air [[Hitler]] agus [[Nàsachd]].<ref>Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, [[Lunnainn]], [[1971]]</ref>
 
Dh'fhrithealaich e mar chuidiche ospadail anns a' Chogadh Fraing-Phruiseach ann an 1870 is fhuair e [[galar na h-amhaich]] agus [[an galar-gasta]].
 
Dh'fhoillsich e a chiad leabhar, ''Die Geburt der Tragödie aus dem Geiste der Musik'' ('Breith Bròn-chluiche bho Anam a' Chiùil') ann an 1872 agus ''Menschliches, Allzumenschliches'' ('Daonnail, cho Ro-daonnail') ann an 1878 ach dh'fhàg e an t-oilthigh ann an 1879 air sgàth droch shlàinte is shiubhail e eadar bailtean fad na h-Eadailt, na h-Eilbheis, na Frainge is na Gearmailte is e a' sgrìobhadh obraichean as ainmeile, mar eisimpleir ''Thar Math is Mall'' (1886) is ''Nietzsche an aghaidh Wagner'' (1888). Thachair e ri [[Lou Andreas-Salomé]] anns an Ròimh ann an 1882. Dh'fhulaing e briseadh-inntinn ann an 1889 is cha do sgrìobh e a-rithist mus do chaochail e ann an 1900.<ref>{{iomradh lìon | url = https://plato.stanford.edu/entries/nietzsche-life-works/ | tiotal = Nietzsche’s Life and Works | ainm = Robert | sloinneadh = Wicks | obair = Stanford Encyclopedia of Philosophy (Fall 2018 Edition) | foillsichear = Oilthigh Stanford | ceann-là = Foghar 2018 | deasaiche = Zalta, Edward N. | ceann-là_inntrigidh = 2020-05-31 }}</ref>
 
== Nietzsche agus Alba ==
B' e [[Alexander Tille]], òraidiche aig [[Oilthigh Ghlaschu]], a bha deasaiche a' chiad eagran na h-obraichean Nietzsche anns a' Bheurla is e fhèin air ''Mar a thuirt Zarathustra'' eadar-theangachadh. Dh'eadar-theangaich [[Thomas Common]] ''Cùis Wagner''.<ref>{{iomradh leabhar | caibideil = Nietzsche in Glasgow: Alexander Tille, John Davidson and Edwin Muir | url = https://doi.org/10.1163/9789401208376_014 | ainm = Ritchie | sloinneadh = Robertson | tiotal = Scotland and the 19th-Century World | duilleagan = 213–230 | ceann-là = 2012 | ceann-là_inntrigidh = 2020-05-30 }}</ref>