An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Nàsachd"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 11:
 
'S e beachd-smuainealas, ideòlas agus gluasad poilitigeach a nochd anns [[A' Ghearmailt]] eadar [[An Cogadh Mòr]] agus [[An Dàrna Cogadh]], a tha uabhasach fhèin dlùth air [[Faisisteachas]]<ref>Spielvogel, Jackson J. ([[2010]]) [1996] Hitler and Nazi Germany: A History New York: Routledge, ISBN 978-0131924697</ref> a th' ann an '''Nàsachd''' air neo '''Sòisealas Nàiseanta''' ([[Gearmailtis]] ''Nationalsozialismus''). B' ann fo stiùir [[Adolf Hitler]] anns na [[30an]] agus na [[40an]] a gabh am [[Pàrtaidh Nàsach]] ([[ainm]] slàn: ''Pàrtaidh Sòisealach Nàiseanta nan Luchd-obrach Gearmailteach, ''Gearmailtis: ''Nationalsozialistische Deutsche Arbeiterpartei'') os làimh Riaghaltas na Gearmailt agus a rinn iad fìor dhroch sgrios air an [[Roinn Eòrpa]] leis an ideòlas eucoireach mì-mhoralta aca.<ref>Anton Weiss-Wendt ([[2010]]). Eradicating Differences: The Treatment of Minorities in Nazi-Dominated Europe. Cambridge Scholars Publishing, ISBN 978-1-4438-2449-1.</ref> Chaidh am [[pàrtaidh]] a stèidheachadh ann am [[München]] air [[24 an Gearran]] [[1920]] le [[Anton Drexler]].
 
==Clas Sòisealta==
Dhiùilteadh nàsachd bun-smuaintean [[Marxachas|Marxach]] mu còmhstri eadar clasaichean sòisealta. Mholadh nàsachd an dà chuid [[Calpachas|calpairean]] Gearmailteach agus luchd-obrach leis gu robh iad seo uile deatamach dhan ''Volksgemeinschaft'' ([[Gàidhlig]]: ''Coimhearsnachd nan Daoine''). Anns an Volksgemeinschaft, bhiodh clasaichean sòisealta fhathast ann, ach às aonais chòmhstri eatorra. Thug [[Friedrich Nietzsche]] buaidh uabhasach fhèin làidir air [[Hitler]] agus chuir esan an gnìomh am bun-smuain ''übermensch'' do chalpairean soirbheachail.<ref>Grunberger, Richard, A Social History of the Third Reich, Weidenfeld and Nicolson, [[Lunnainn]], [[1971]]</ref>
 
==Faic Cuideachd==