An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Jakob Wassermann"

Content deleted Content added
smachd ùghdarrais
No edit summary
Loidhne 4:
Mac fhir-mhalairt bhochd, dh'obraich Wassermann ann am bùth leabhraichean agus bha e na dheasaiche aig an ''Simplicissimus'';<ref>[http://www.theguardian.com/books/2012/dec/06/my-first-wife-jakob-wassermann-review The Guardian]</ref> B' e sgrìobhadair làn ùine a bh' ann bho [[1893]] a-mach agus esan a' fuireach anns [[An Ostair]], an toiseach ann am [[Vienna]] agus an uair sin ann Altaussee, ged an do suidhich e a h-uile càil a sgrìobh e thall san [[A' Ghearmailt|Ghearmailt]]. Bha corra nobhail a sgrìobh e uabhasach fhèin soirbheachail mar ''Die Juden von Zirndorf'' (1897), ''Caspar Hauser oder Die Trägheit des Herzens'' (1908) - mu na làithean mu dheireadh aig Caspar Hauser, a bharrachd air ''Christian Wahnschaffe'' (1919).<ref>Daniela Eisenstein, Dirk Niefanger, Gunnar Och (Hrsg.): Jakob Wassermann. Deutscher, Jude, Literat. Wallstein, Göttingen 2007, ISBN 3-8353-0158-6</ref> Bha e na b' ainmeile anns na [[20an]] agus na [[30an]] nuair a sgrìobh e ''Der Fall Maurizius'' (1928), sgeulachd mu cheartas fillte gu sgiobalta tro nobhail poileis agus a' làimhseachadh ri beatha òige an dèidh a' chogaidh a-staigh sreath trì nobhailean, còmhla ri ''Etzel Andergast'' (1931) agus ''Joseph Kerkhovens dritte Existenz'' (1934).
 
B' e aislingeach air a bheò-ghlacadh le ceartas a bh' ann am Wassermann, cuspair a tha a' nochdadh tric anns a chuid obrach; bha e dhen bheachd gur robh còirichean aig a h-uile daoine ceartas fhaighinn o chionn 's gur e daoine a bh' annainn, ged a bha gealtachd ga dhiùltadh, na bu mhiosa na ùidhean suarach agus [[poileataigs]]; thathar daonnan a' deànamh coimeas eadar Wassermann agus Fiódor Dostoyevski air an dàrna làimh leis cho moralta 's a bha e agus air an làimh eile air sàilleabh gu robh e gu math os-bhoileach. Ann am ''Mein Weg als Deutscher und Jude'' rinn e dealbh gu math soilleir air an imcheist anns an robh na [[Iùdhachd|Iùdhaich]] nuair a ràinig na [[Nàsachd|Nàsaich]], ged nach robh e beò nuair a rinn iad sgrios is milleadh air an dùthaich. A bharrachd air sin, sgrìobh e ''Das Gänsemännchen'', ''Die Geschichte der jungen Renate Fuchs'' agus ''Ulrike Woytich''. Shuidhich e mòran dhen obair eachdraidheil aige anns [[An Spàinn]].
 
Phòs e aig Julie Speyer ann an [[1901]], ach dhealaich iad ann an [[1915]]. Phòs e a-rithist an ceann trì bliadhnaichean, an turas seo aig Marta Karlweis. Ann an [[1926]], chaidh a thaghadh gu Acadamaidh Ealain na [[A' Phruis|Pruise]] ([[Gearmailtis]]ː ''Preußische Akademie der Künste'') ach leig e dheth sin ann an [[1933]], los nach cuireadh na Nàsaich a-mach e. Chaidh na leabhraichean aige a thoirmeasg sa Ghearmailt san aon bhliadhna air sàilleabh gur e Iùdhach a bh' ann: fiù 's chuireadh san teine iad, ann an corra àite far an robh na Nàsaich gu math làidir. Sgrìobh e aiste an aghaidh nan Nàsach mus an do bhàsaich e cuideachd.<ref>Selbstschau am Ende des sechsten Jahrzehnts, Neue Rundschau 44. Jahrgang Heft 3, 1933, 377-395</ref> Bha Wassermann a' gabhail ri sìth agus càirdeas eadar creideamhan eadar-dhealaichte fad a bheatha.<ref>Stéphane Michaud, Les avertissements d’un artiste et d’un spirituel. Wassermann et la montée des périls en Allemagne (1897-1934), Raisons politiques 2002/4 (8), 97-115.</ref>