An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Hildburghausen"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Loidhne 20:
 
==Eachdraidh==
Chaidh Hildburghausen a chlàradh airson a' chiad turais ann an [[1234]] mar ''Hilteburgehusin'' ann an t-seann [[Gearmailtis|Ghearmailtis]] agus mar ''Villa Hilperti'' ann an [[Laideann]].<ref>[http://thueringen-universal.de/orte/hildburghausen Thüringen Universal]</ref> Chaidh [[eaglais]] a thogail ann an [[1286]], Talla a' Bhaile ann an [[1314]] agus fhuair e a chuid chòirichean a thaobh mhalairt agus chìsean ann an [[1324]].<ref>[http://www.ummerstadt.de/Geschichliches/Ummerstadt837/ummerstadt837.htm Ummerstadt]</ref> Ràinig na ciad [[Iùdhachd|Iùdhaich]] ann an [[1331]]. Chan e coimhearsnachd mhòr a bh' ann a-riamh agus aig a' char na bu mhò bha 130 nan tàmh sa bhaile san [[19mh Linn]] ach dìreach 30 ann an [[1933]].<ref>[http://germansynagogues.com/index.php/synagogues-and-communities?pid=65&sid=647:hildburghausen German Synagogues]</ref> Thog fear air an robh Simon Levi [[Sionagog]] ann an [[1811]] ach thug na Nàsaich air na Iùdhaich ga reic. Thoisich [[An t-Ath-Leasachadh]] a-measg na coimhearsnachd [[Crìosdaidh]] ann an [[1524]] agus ghabh iad ris uile gu lèir ann an [[1528]]. Thogadh [[sgoil]] ann an [[1541]].<ref>[http://www.thueringen.info/hildburghausen-geschichte-der.html Thüringen Info]</ref> Eadar [[1618]] agus [[1648]] thuit àireamh-sluaigh a' bhaile bho 2,500 gu dìreach 700 air sàilleabh gu robh am baile gu math bochd an dèidh [[Cogadh nan 30 Bliadhna]], bha an t-[[eaconomaidh]] ann an droch staing, bha am baile air a mhilleadh, bha an t-acras ann agus, a bharrachd air sin, chaochail mòran leis a' phlaigh.<ref>[http://www.thueringen.info/hildburghausen-geschichte-der.html Thüringen Info]</ref> B' e [[prìomh-bhaile]] na [[Diùcachd Sagsainn-Hildburghausen]] a bh' ann bho [[1680]] gu ruige [[1826]], nuair a chaidh e a thoirt a-steach gu [[Diùcachd Sagsainn-Meiningen|Sagsainn-Meiningen]]. Bha oifis na Biografisches Institut suidhichte an seo eadar [[1828]] agus [[1874]]. Chaidh rèile a thogail ann an [[1858]] eadar [[Eisenach]], [[Meiningen]], Hildburghausen agus Coburg.<ref>[http://www.dampflokwerk.de/geschichte.htm Dampflokwerk]</ref> Chaidh am baile a thoirt a-steach gu Thüringen ann an [[1920]], an dèidh [[Ar-a-mach na Gearmailt]]. Bho [[1934]] agus [[1940]] bha 522 fireannaich agus 458 boireannaich air an seasgachadh an aghaidh an toil mar phàirt phrògram air a chur air dòigh leis na [[Nàsachd|Nàsaich]] agus chaidh iomadh duine a bha san [[taigh-caothaich]] a mharbhadh mar phàirt phrògram Nàsach eile, air an robh Aktion T4.<ref>[http://www.bundesarchiv.de/geschichte_euthanasie/Inventar_euth_doe.pdf Bundesarchiv]</ref> Air [[7 an Giblean]] [[1945]] chaidh an taigh-gruide a mhilleadh rè bomadaireachd agus chaidh an caisteal a leigeil na thobht.<ref>[http://www.hofbraeu-muenchen.de/en/brewery/history/ Hofbrau]</ref> Bha na bha air fhàgail dhen chaisteal a leagadh eadar [[1949]] agus [[1950]].
 
==Bailtean Co-cheangailte==