An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Bonn (a' Ghearmailt)"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Loidhne 28:
‘S e làrach cràbhach ri linn Ìompaireachd [[Tearlach Mòr|Theàrlaich Mhòir]] a bha ann am Bonn. Bha am baile am broinn nan sgìrean a bha fo bhuaidh nan [[easbaig]]-prionnsa-taghadair à [[Köln]] bhon [[8mh Linn]] gu ruige deireadh na [[13mh Linn]] is bha iad a’ fuireach an seo cuideachd. Mar dhìleab nan làithean spaideil sin, tha am baile làn toglaichean ann an stoidhle baroc,<ref>[http://larocheusa.org/Duren.htm Larocheusa]</ref> mar eisimpleir oifisean an Oilthigh agus Lùchairt Phoppelsdorf, a bharrachd air taighean mòra bho dheireadh na [[19mh Linn]] agus feadhainn eile ann an stoidhle art nouveau. Cha b' urrainn dhan [[Ath-Leasachadh]] càil a dhèanamh an seo leis cho làidir ‘s a bha an [[Eaglais Chaitligeach]] ann am Bonn.<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World 66]</ref> Bha athair [[Ludwig van Beethoven]] ([[1770]] – [[1827]]) na organaiche fon phrionnsa-taghadair mu dheireadh ann am Bonn. <ref>[http://www.alemania.net/bonn-la-ciudad-de-ludwig-van-beethoven/ Alemania]</ref> Anns an [[19mh Linn]], an dèidh mì-bhuaidh Napoléon,<ref>[http://www.world66.com/europe/germany/northrhinewestphalia/bonn/history World66]</ref> ghabh [[A’ Phruis|Rìoghachd na Prùise]] sealbh air Bonn. <ref>[http://www.bbgerman.com/german-cities-bonn.html BB German]</ref>
 
Ghabh saighdearan à [[Canada]], [[Sasainn]] agus às [[An Fhraing]] sealbh air Bonn an dèidh a chèile bho chrìoch [[An Cogadh Mòr|a’ Chogaidh Mhòir]] gu ruige [[1926]]. <ref>[http://www.britishpathe.com/record.php?id=81060 Pathé]</ref> Ri linn anTron [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] bha mu 1,000 duine, gu h-àraid [[Iùdhachd|Iùdhaich]], nan ìobairtean nan [[Nàsachd|Nàsach]]. Chaidh 8,000 eile a thoirt air falbh gu campaichean-bàis neo a sgapadh thall thairis. Ann an [[1945]] b' iad na Sasannaich a ghabh sealbh air a’ bhaile.
 
Chaidh Bonn a thaghadh mar [[Prìomh-bhaile|phrìomh-bhaile]] ùr na dùthcha (an àite [[Frankfurt]]) an dèidh a’ chogaidh, oir chaidh an dùthaich a sgaradh ann an dà stàit is bha [[Berlin]] air a mhilleadh. Le sin, ‘s e prìomh-bhaile Poblachd Feadarail na Gearmailte bho [[1949]] gu ruige [[1990]], nuair a thaghadh Berlin na phrìomh-bhaile a-rithist, mar thoradh Aonadh na Gearmailte. Chaidh pàrlamaid na Gearmailt agus pàirtean den Riaghaltas a ghluasad air ais a Bherlin ann an [[1999]].<ref>[http://www.buzer.de/gesetz/2318/a32482.htm Buzer]</ref>