An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Co-labhairt Évian"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
[[Faidhle:HôtelRoyal1.JPG|thumb|Hôtel Royal (2003) far an deach a' cho-labhairt a chumail]]
Chaidh '''Co-labhairt Évian''' a ghairm air sgàth 's tionnsgnadh ceann-suidhe Ameireaga [[Franklin D. Roosevelt]] anns an Iuchar [[1938]] airson bruidhinn mu dheidhinn atachadh àireimh de fhògarraich [[Iùdhach]] bho geur-leanmhainn na [[NàsachNàsachd]] às [[a' Ghearmailt]]. Airson ochd làithean, bhon 6mh chun an 15mh latha den Iuchar, thàinig luchd-ionaid à 32 dùthchannan agus 39 eagrachadh prìobhaideach còmhla aig Évian-les-Bains, an Fhraing. Thàinig mu 200 luchd-naidheachd cuideachd.
 
Bha na Iùdhaich às an Ostair agus às a' Ghearmailt làn dòchais gum biodh a' cho-labhairt eadar-nàiseanta a thoirt cothrom dhaibh beatha ùr a thòiseachadh taobh a-muigh na Gearmailt. Ach aig deireadh na co-labhairt dhiùlt na Stàitean Aonaichte agus an Rìoghachd Aonaichte meall mòr de na h-Iùdhach a ghabhail a-steach. Ann an sùilean nan Iùdhach agus an luchd-leantainn aca cha robh a' cho-labhairt ach a' chaoile ghorm. Lean na dùthchannan eile an diùltadh seo agus mar sin cha robh àite sam bith do na h-Iùdhach airson teicheadh.