An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Wrocław"

Content deleted Content added
Replacing Wroclaw_horizontal_flag.svg with File:POL_Wrocław_flag.svg (by CommonsDelinker because: File renamed: Criterion 4 (harmonizing names of file set) · Similar to others in [[:c::Catego
No edit summary
Loidhne 21:
Chaidh am baile a stèidheachadh anns an [[10mh Linn]] fon t-seann ainm Pòlais Wrocisław, a tha a’ ciallachadh thill làn Glòr, bhon [[gnìomhair|ghnìomhair]] wrócić (thill) agus bhon [[ainmear]] sława (Glòr).<ref>[http://dict.pl/dict_iso Dict]</ref> Bhathar ga sgrìobhadh Vratislavia ann an Laideann. Bha am baile fo bhuaidh nam [[Piast]], ach cha robh e idir cho cudromach dhuibh, aig ìre eaconamach, na Liegnitz (Legnica) neo Brieg (Brzeg) a bha nan ionadan riaghladh ron [[15mh Linn]] mar-thà.<ref>[http://www.brzeg.pl/index.php?option=18&action=articles_show&art_id=67&menu_id=83&page=20 Brzeg]</ref> Mar an roinn air fad, chuireadh am baile bho Rìoghachd na Pòlainn gu Crùn na Bohemia (a bha am broinn Iompaireachd Chràbhach Ròmanach nan Gearmailteach) leis an ainm Breslau, ann an [[1335]].<ref>[http://www.tacitus.nu/historical-atlas/regents/poland/silesia.htm Tacitus]</ref> An uair sin chaidh e a chur ris [[An Ostair]], ann an [[1526]]. Cheannsaich [[A’ Phrùis]] e ri linn Cogadh Còir-sheibh na h-Ostair, is chaidh sin a dhearbhadh tron Chòrdadh Breslau ([[1742]]) agus tron Chòrdadh Aix-la-Chapelle ([[1748]]).<ref>[http://www.memo.fr/article.asp?ID=PER_MOD_025#Som6 Mémo]</ref> Thachair pàirt mhòr Cogadh na Seachd Bliadhna anns an Silesia, is chum A’ Phrùis e, tron Chòrdadh Hubertsburg ([[1763]]).<ref>[http://www.historyofwar.org/articles/treaty_hubertusburg.html History of War]</ref> Chaidh iad an aghaidh le iomairt geamailteachadh na roinne na bu truime is na bu truime air an [[dùthaich]],<ref>Kolonisierung und Germanisierung Schlesiens im Mittelalter, Kazimierz Tyminiecki, 1937</ref> oir bha na bailtean air an gearmailteachadh on mheadhan aoisean. Mar A’ Phrùis air fad, chaidh am baile a chur ri Iompaireachd na Gearmailte, air a stèidheachadh ann an [[1871]].<ref>[http://www.tatsachen-ueber-deutschland.de/de/geschichte/main-content-03/1871-die-reichsgruendung.html Tatsachen über Deutschland]</ref>
Dh’fhàs [[eaconomaidh]] a’ bhaile gu mòr air sàilleabh a shuidheachadh air blàr torach, a bharrachd air leasachadh gnìomhachas air feadh Shilesia.<ref>[http://www.ce-review.org/99/21/kosc21.html Central European Review]</ref> Eadar an dà chogadh bha muilnean-sàbhaidh agus taighean-gnìomhachas an òla ann is ‘s e àite cudromach taobh innealan, stuthan do rathaidean-iarainn, piàna, tombaca, òr, ribeanan is adan, malairt meatailt amh is air obrachadh, gual, fiodha, a’ chlò (margaidh na h-olainn), anart, gràn, beathaichean a bh’ann cuideachd. Dh’ fhulaing Breslau duilgheadasan doirbh cruaidh taobh an eaconamaidh an dèidh [[An Cogadh Mòr|Cogadh a’ Cheusair]] oir chaill A’ Ghearmailt an roinn Phosen is a’ mhòr-chuid Àrd-Shilesia, tobar nàdarra stuthan is prìomh mhargaidh na dheànadh ann am Breslau.<ref>[http://avalon.law.yale.edu/imt/partii.asp Yale Law School]</ref> Chuireadh caochlach bhaile beag mu thimcheall Breslau ris fhèin, a thug piseach air meud a’ bhaile, bho 4,962ha gu 17,509ha. Shoirbhich polasaidhean urranta a’ chomhairle taobh leasachadh cathaireil a’ bhaile is dh’fhàs e a bhith co-ionnan ri mòran bhaile eile dhen aon mheud air feadh na dùthcha.<ref>[http://wca.wroc.pl/img/4d5d0cc60b7166a44a56487eb94cbe7c_WAH-Knowledge-Based%20Growth.pdf WCA]</ref> Thogadh sgìrean ùra air iomall a’ bhaile le toglaichean a bha na b’ fhreagarraiche do fheumalachdan ùra, chruthachadh pàircean is liosan gus adhar a thoirt chun a’ bhaile is suidheachadh is goireasan muinntir a’ bhaile a leasachadh, is an àireamh-sluaigh a’ sìor èirigh. Bha còrr is 620,000 a’ fuireach ann am Breslau aig deireadh na [[1920an]], is fiù’s 630,000 ann an [[1939]].<ref>[http://www.wroclaw-life.com/info/info.php Wrocław Life]</ref>
Ann an [[1945]] chuireadh an roinn air fad ris a’ Phòlainn tron Chòrdadh Potsdam, (eadar na [[Stàitean Aonaichte]], An [[Aonadh Sobhiat]] agus An [[Rìoghachd Aonaichte]]),<ref>[http://dolnyslask.pl/default.aspx?docId=5459 Dolnyslask]</ref> is chaidh na daoine Gearmailteach a thilgeil a-mach. Chaidh Pòlaich a chur nan àite, is mòran dhuibh a’ teiche bho na roinnean a chaill A’ Phòlainn air an àirde an ear na Loidhne Curzon, sgìrean a ghoid an Aonadh Sobhiat bhuapa.<ref>[http://worldatwar.net/timeline/poland/18-52.html The World at War]</ref> Bho 25mh gu ruige 28mh [[An Lùnasdal]] [[1948]], ghabh àite Co-chruinneachadh Eadar-nàiseanta Luchd-innleachdail na Sìthe ann an Wrocław. ‘S e toiseach tòiseachaidh Comhairle Sìth na Cruinne a bh’ann, air a chumail ann am baile a bha na shamhla a’ bhuadhachais air a’ Ghearmailt [[Nàsachd|Nàsach]].<ref>[http://www.britishpathe.com/record.php?id=58470 British Pathé]</ref>
 
== Daoine Ainmeil ==