An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Werner Kissling"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
'S e fear togail dhealbhan a bh' ann an '''Werner Kissling''' ([[1895]] - [[1988]]). Rugadh e ann am [[Wrocław|Breslau]] ([[Silesia]]) ann an teaghlach iar-fhlaitheach agus beartach. Às dèidh a' chiad chogaidh bha e ag obair ann an seirbhis dhioplòmasaich Ghearmailtich. Seach agus gun robh e gu làidir an aghaidh nan [[Nàsachd|Nàsach]], dh’fhàg e an obair seo agus a’ Ghearmailt aig toiseach nan deich air fhicheadan agus chaidh e a Bhreatainn far an robh e a’ teagasg gu prìobhaideach agus far an do thòisich e le bhith togail dhealbh-camara. Bhiodh e a’ tadhal air [[Na h-Eileanan Siar|na h-Eilean Siar]] gu tric nuair a rinn e rannsachadh an lùib cultair dhùthasaich. Agus b’ ann eadar 1928 agus 1960 a bhiodh e a’ toirt cunntais dhuinn mu bheatha muinntir [[Uibhist a Deas]] is [[Èirisgeigh]] tro dhealbhan-camara. B’ esan a rinn a’ chiad fhilm riamh anns an robh Gàidhlig ri cluinntinn ann an 1934 – [[A Poem of Remote Lives]]. Chaochail e ann an [[Dùn Phrìs]] ann an [[3 an Gearran]] [[1988]].
 
Bha na dealbhan aige ri fhaicinn airson a' chiad turais ann an 2011 ann an ''Landesmuseum'' (Taigh-tasgaidh na dùthcha) ann am [[Bonn (a' Ghearmailt)|Bonn]], a' Ghearmailt agus an uair sin, san Ògmhios 2012, bha iad air an taisbeanadh ann an [[Taigh-tasgaidh Chill Donnain]] ann an Uibhist a Deas.