An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Hans Fallada"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 16:
Cha d’fhuair Fallada cliù ann an saoghal nan leabhraichean ach aig toiseach na bliadhna [[1930]]. Ghluais Fallada agus a bhean gu iomall Bherlin, aig an toiseach gu [[Neuenhagen bei Berlin]] agus an uair sin gu [[Berkenbrück]]. 'S e an deasaiche Ernst Rowohlt a thug a’ chomhairle sin dhaibh, an dèidh cho soirbheachail 's a bha an nobhail a sgrìobh Fallada an aghaidh na [[Poblachd Weimar]], ''Bauern, Bonzen und Bomben'' (''Tuathaich, cinn-fheadhna agus bomaichean'').<ref>[http://www.rowohlt.de/buch/Hans_Fallada_Bauern_Bonzen_und_Bomben.2417.html Rowohlt]</ref> Lorg Rowohlt dreuchd pàirt-ùine airson Fallada anns an taigh-foillseachaidh aige, a chùm gum b’ urrainn do Fallada sgrìobhadh fad an t-siubhail, gun duilgheadasan a thaobh airgid. 'S ann mar sin a sgrìobh e an nobhail ''[[Kleiner Mann - was nun?]]'' (''Dè a-nis, a dhuineachain?''), a bha air leth soirbheachail, a thug cliù do Fallada mar sgrìobhadair.<ref>[http://www.dieterwunderlich.de/Fallada-kleiner-mann-was-nun.htm Dieter Wunderlich]</ref> Thagh e an t-ainm-pinn ''Hans Fallada'', ga stèidheachadh air dà sgeul a chruinnich na [[Bràithrean Grimm]]:<ref>[http://www.spiegel.de/spiegel/print/d-45143880.html Der Spiegel]</ref> ''Hans'' tuathal à ''Hans im Glück'' (''Iain buidhe'') each air an robh Falada, a chanadh an fhìrinn a-riamh, fiù’s an dèidh a bhàis, à ''Die Gänsemagd'' (Nighean nan Gèadh).
 
== Ri Linn nan NàsachNàsachd ==
Chaidh Fallada a chur an làimh ann am [[Màrt]] [[1933]], ri linn nan Nàsach, fo amharas gun robh e an lùib ghnìomhachdan an aghaidh na stàite. Dh' fhàg e an taigh aige ann am Berkenbrück an dèidh sin agus cheannaich e fear eile ann an [[Carwitz]] ([[Àrd Dhiùcachd Mhecklenburg-Strelitz|Mecklenburg-Strelitz]]).<ref>[http://www.fallada.de/index.php/de/museum/geschichte Hans Fallada-Gesellschaft]</ref> 'S ann an siud a sgrìobh e caochladh nobhail làn geur-bhreithneachadh sòisealta, mar ''Wer einmal aus dem Blechnapf frißt'' (''Am fear a dh’ aithneachas eucoireach''),<ref>[http://www.steffi-line.de/archiv_text/nost_serie/m_blechnapf.htm Steffi-Line]</ref> mu dheidhinn na thachair dha sa phrìosan ann an Neumünster. Dh'fhaodadh e an nobhail a chur an clò fo Hitler air sgàth gur e càineadh an aghaidh làimhseachadh nam prìosanach fon a’ Phoblachd Weimar a bh' ann.
 
Bu mhiann le Fallada a leantainn air a’ sgrìobhadh fo na [[Nàsachd|Nàsaich]], agus le sin b’ fheudar dha rudan aotrom a sgrìobhadh leis cho cumhachdail 's a bha an Reichsschrifttumskammer (Bòrd Litreachas na h-Impireachd). Dh’fheuch e dha chlàradh fhèin airson na Bùird ach cha ghabhadh ris a thagrachas.<ref>[http://www.literaturkritik.de/public/rezension.php?rez_id=13313 Literaturkritik]</ref> Nan diùltadh a thagrachas, rachadh a thoirmisgeadh agus chuireadh sin crìoch air a chuid obrach co-dhiù, mar a thachair do chàch.
 
Dhealaich esan agus a bhean air [[5 an t-Iuchar]] [[1944]].<ref>[http://muenzner-hiddensee.de/hans-fallada-rudolf-wilhelm-friedrich-ditzen.htm Münzner-Hiddensee]</ref> Na b’ fhaide sa bhliadhna, air [[24 an Lùnastal]], chaidh Fallada a chur an grèim a-rithist as dèidh trod is sabaid leis a' bhean. Chuireadh gu taigh-caothaich ann an [[Neustrelitz]] eadar [[4 an t-Sultain]] 1944 gu [[13 an Dùbhlachd]] 1944 leis nach fhaodadh ga bhreithneachadh. 'S ann an siud a sgrìobh e ''Der Trinker'' agus rud neo dhà eile.<ref>[http://www.luise-berlin.de/bms/bmstxt00/0012pord.htm Luise Berlin]</ref> Anns [[An Gearran|a’ Ghearran]] [[1945]], phòs e Ursula Losch, a bha faisg air 30 bliadhna na b’ òige na esan agus a bha a cheart cho trom air deoch làidir na an duine ùr aice. Ann an 1945, chaidh e ainmeachadh [[Probhaist]] [[Feldberger Seenlandschaft|Feldberg]],<ref>[http://www.fallada.de/index.php/de/leben-u-werk Fallada]</ref> faisg air Carwitz leis an Arm Dearg a bha airson duine air choireigin nach robh an sàs leis na Nàsaich a chur ann, ach cha do mhair e ach greis san obair chruaidh sin. An uair sin ghluais esan agus a bhean gu Berlin, far an robh e an lùib anns a’ phàipear-naidheachd ''Tägliche Rundschau''.