An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Willie Rennie"

Content deleted Content added
smachd ùghdarrais
ùrachadh
 
Loidhne 5:
Bha e na oileanach aig Àrd-sgoil Bell Baxter ann an [[Cupar Fìobha|Cupar]]. Dh'ionnsaich e bith-eòlas ann an [[Colaiste Teicneòlas Pàislig]] agus rianachd ghnìomhachail ann an [[Colaiste Glaschu]].<ref>Pàrlamaid na h-Alba: [http://www.scottish.parliament.uk/msps/currentmsps/28432.aspx Willie Rennie: Personal Information] (Beurla). Air a tharraing 26 an Gearran 2016.</ref>
 
Dh'obraich e mar chomhairliche poileataigeach airson Comann Rìoghail Dhùn Èideann agus Comann Rìoghail na Ceimigeachd mus do bhuannaich e gu furasta frith-thaghadh [[Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar (sgìre Phàrlamaid Westminster)|Dùn Phàrlain agus Fìobh an Iar]] ann an 2006 nuair a chaochail [[Raonaid Squire]].<ref>BBC: [http://news.bbc.co.uk/1/hi/scotland/4699512.stm Rousing end to tense by-election] (Beurla). Air a tharraing 26 an Gearran 2016.</ref> Chaill e a sheat ann an 2010 ach chaidh e na bhall liosta airson [[Alba Mheadhanach agus Fìobh (roinn-phàrlamaid na h-Alba)|Alba Mheadhanach agus Fìobh]] san taghadh Albannach ann an [[Taghadh Albannach 2011|2011]] agus na bhall roinn-phàrlamaid airson [[Fìobh an Ear Thuath (sgìre Phàrlamaid na h-Alba)|Fìobh an Ear Thuath]] ann an [[Taghadh Albannach 2016|2016]]. agus ann an [[Taghadh Albannach 2021|2021]].

Thaghadh e mar cheannard Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba gun tagraiche eile na aghaidh an dèidh do [[Tàmhais Scott|Thàmhais Scott]] a dhreuchd a leigeil dheth anns a' Chèitean 2011.<ref>BBC: [http://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-scotland-politics-13411906 Willie Rennie named new Scottish Lib Dem leader] (Beurla). Air a tharraing 26 an Gearran 2016.</ref> Leig e a dhreuchd suas ann an 2021 an dèidh do thaghadh Albannach, anns a bhuannaich na Lib Deamaich ceithir seataichean a-mhàin is chaill an inbhe oifigeil aig a' Phàrlamaid.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.bbc.co.uk/news/uk-scotland-scotland-politics-57812252 | tiotal = Willie Rennie to stand down as Scottish Lib Dem leader | foillsichear = BBC News | ceann-là = 2021-07-13 | ceann-là_inntrigidh = 2021-07-16 }}</ref>
 
== Beatha phearsanta ==