An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Córdoba (provincia)"

Content deleted Content added
b corr using AWB
No edit summary
Loidhne 16:
| DUILLEAG = [http://www.dipucordoba.org/ Riaghaltas na Roinne]
}}
 
'S e ''[[Roinnean na Spàinne|provincia]]'' [[an Spàinn|na Spàinne]] a tha ann an '''Córdoba''' ([[IPA]]: ''korðoβa''). Tha e na laighe ann an [[Andalusia]], ann an ceann a deas na [[Dùthaich|dùthcha]]. 'S e [[Córdoba, An Spàinn|Córdoba]] a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an [[1833]] le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.<ref>[http://www.ipp.csic.es/node/283769 Ethnoterritorial Concurrence and Imperfect Federalism in Spain]</ref> B' e an siostam-riaghalaidh iondail na [[An Fhraing|Frainge]] a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na [[Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh]] Andalusia i ann an [[1978]], nuair a sgrìobhadh [[Bun-reachd]] ùr.<ref>[http://noticias.juridicas.com/base_datos/Admin/constitucion.html Constitución Española de 1978]</ref> Sìnidh Córdoba fad 13,771km²<ref>[http://www.infolaso.com/extension-ccaa-y-provincias-.html Infoalso]</ref> agus tha 805,857 duine a' fuireach ann.<ref>[http://es.classora.com/reports/x57491/ranking-de-las-provincias-mas-pobladas-de-espana Classora]</ref> Le sin, 's e an 13mh roinn as motha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 19mh a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le [[Badajoz (provincia)|Badajoz]], [[Ciudad Real (provincia)|Ciudad Real]], [[Jaén (provincia)|Jaén]], [[Granada (provincia)|Granada]], [[Málaga (provincia)|Málaga]] agus [[Sevilla (provincia)|Sevilla]].<ref>[http://www.ign.es/ign/resources/cartografiaEnsenanza/puzzles/puzleProvincias/provinciasv3.html Instituto Geográfico Nacional]</ref> 'S e Spàinntis a tha ga bruidhinn an seo.
 
== Freumhan an ainm ==
‘S ann gu math connspaideach ‘s a tha freumhan an ainm air sàilleabh nach eil [[Freumh-fhaclachd]] na sgìre idir soilleir. Tha a h-uile coltas ann gur ann à ''Qorteba'' ([[Gàidhlig]]: muileann) no ''Qart-tuba'' (Gàidhlig: Baile Math) ann am [[Foinìsis]] a th’ ann an t-aimn.<ref>Ramírez y de las Casa-Deza, Luis María, 1867, Indicador cordobés, ó sea Manual histórico-topográfico de la ciudad de Córdoba, Imprenta, librería y litografía del Diario de Córdoba</ref> A bharrachd air sin, tha an t-iar-leasachan Tartesianais ''-oba'' no ''–uba'' gu ìre mhath cumanta ann an ceann a deas na Spàinne.<ref>Schulten, Adolf. Tartessos. Contribución a la historia más antigua de Occidente. Editorial Almuzara. ISBN 84-88586-66-3</ref> Sgrìobhadh ''قرطبة'' ann an [[Arabais]], a thug ''Córdoba'' dhuinn an latha an-diugh.Mar a b’àbhaist san Spàinn, b’ e dìreach ainm a’ bhaile a bu motha sa sgìre a chuireadh air an roinn.
 
== Cruinn-eòlas ==
Tha [[iadhtag]] ann, a bhuineas do Chórdoba, thall air an àirde an iar-dheas na roinne, ann an Sevilla. 'S e Villar an t-ainm a tha air.<ref>[http://www.todopueblos.com/el-villar-cordoba/ Todo Pueblos]</ref> 'S e adhbharan [[lagh|laghail]] agus [[poileataigs|poileataigeach]] a tha as coireach gu bheil e na aite fa leth air. Chan eil ach 546 duine a' fuireach ann.
 
==Bailtean==
*[[Fuente Obejuna]]
 
==Iomraidhean==
<references/>