An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Tòmas MacCalmain"

Content deleted Content added
An t-Urramach Tòmas MacCalmain, ministear na h-Eaglaise
 
bogsa eachdraidh-bheatha is smachd ùghdarrais
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
An t-Urramach Tòmas MacCalmain, D.D., 27-7-1907 – 9-1-1984
 
Bha '''Tòmas MacCalmain''' (''Thomas Moffat Murchison'') na mhinistear Eaglais na h-Alba, na sgrìobhadair agus na fhear-tagraidh cor nan croitearan. Ann an 1969, chaidh a thaghadh mar Mhodaràtar Àrd-sheanadh Eaglais na h-Alba. Sgrìobh e barrachd rosg anns a’ Ghàidhlig na duine sam bith eile a bha beò san fhicheadamh linn <ref> Os Cionn Gleadhraich nan Sràidean, deasaichte le Dòmhnall E Meek, Scottish Gaelic Texts Society, 2010 </ref> <ref> The Companion to Gaelic Scotland, deasaichte le Ruairidh MacThòmais, Gairm Publications, Glasgow 1994 </ref>.
 
Rugadh Tòmas MacCalmain ann am Baile Ghobhain ann an Glaschu. Bha còignear de theaghlach aig a phàrantan, Calum agus Anna. ’S ann às an Eilean Sgitheanach a bha Calum. Rugadh agus thogadh Anna (née Moffat) ann an sgìre Ghlinn Eilg. B’ e maraiche a bha ann an Calum fhad ’s a bha an teaghlach a’ fuireach ann am Baile Ghobhain.
Line 15 ⟶ 16:
Ann an 1940, phòs Tòmas Màiri Black Morton Philp. Bha triùir de theaghlach aca – dithis nighean, Anna Margaret agus Fiona Màiri, agus mac, Anndra Philp.
 
’S e sgoilear air leth a bha ann an Tòmas. Sgrìobh e rosg agus rinn e òraidean air iomadh cuspair Gàidhealach – bha ùidh shònraichte aige ann an eachdraidh na h-Eaglaise anns a’ Ghàidhealtachd. Mar thoradh air an obair a rinn e còmhla ris an Àrd-Oll Tòmas Torrance, chaidh ''The Scottish Journal of Theology'' a stèidheachadh ann an 1948. Bha e dèanadach mar fhear-deasachaidh irisean agus leabhraichean, m.e., ''An Gàidheal'' (1946-1958), ''Duilleagan Gàidhlig Life and Work'' (1951-1980), ''An Iuchair Òir'' (Stirling Tract Enterprise, Sruighlea 1950), ''Prose Writings of Donald Lamont 1874-1958'' (Scottish Gaelic Texts Society, 1988 – air fhoillseachadh an dèidh bàs Thòmais) agus ''Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid'' (Scottish Gaelic Texts Society, 1988). Sgrìobh e colbh anns a’ ''Pherthshire Advertiser'' agus anns an ''Stornoway Gazette'' (1955-1983). Ann an 1958, chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd RioghailRìoghail Nàiseanta ann an Glaschu. Bhuilich Oilthigh Ghlaschu D.D. (Ollamh Diadhaireachd) air ann an 1964 mar cheum urramach.
 
An dèidh an Dàrna Cogaidh, bha Comann-Bhìoball na h-Alba airson eadar-theangachadh ùr dhen Bhìobhall Naomh a bhith aca. B' e Tòmas ceann-suidhe na buidhne a ghabh an obair seo os làimh. Chùm e air leis an eadar-theangachadh fad a bheatha ged a bha e a’ call a fhradhairc. Cha do chuir e crìoch air an iomairt ged a nochd toradh na saothrach a rinn e anns a’ Bhìoball Naomh a chaidh fhoillseachadh ann an 1992.
Line 22 ⟶ 23:
 
==Iomraidhean==
 
<references/>
 
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Daoine à Alba]]