An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Meanbh-chuileag"

Chaidh 1 bhaidht a chur ris ,  2 mhìos air ais
b
Typo
(ceangal is smachd ùghdarrais)
b (Typo)
 
Chan eil cus fiosrachaidh mu bhuaidh shealgairean air a' mheanbh-chuileag.<ref name=SNHMB /> Ge-tà, an dèidh geamhraidh 2010 ann an Alba a bha air leth fuar, cha do rinn a' mheanbh-chuileag ach fàs oir is a-rèir coltais cha robh droch-bhuaidh air an àireamh-san aig an fhuachd air a' Ghàidhealtachd ach leis gun do dh'fhulaing na sealgairean aca-san, mar [[ialtag|ialtagan]] is eòin, dh'fhàs an àireamh gu mòr as t-samhradh 2010.<ref name="Philips, David"/>
 
Tha teòirig ann a tha ag ràdh gun robh àireamh nam meanbh-chuileagan fada nas lugha nuair a bha Alba còmhdaichte le craobhan fhathast is uiread an uisge san talamh nas ìsle agus gum mìnicheadh seo gainnead de bheathaichean a dh'itheas meanbh-chuileagan gu sònraichte.<ref name=Trees/> Chan ith ialtagan agus eòin mar [[Ceileiriche|cheileirichean]] (''Phylloscopus spp.'') agus [[Ainleag-dhubh|ainleagan-dubha]] (''Apus apus'') ach àireamh bheag dhubhdhiubh agus ged a ghlacas [[driùchdan]] (genus ''Drosera'') agus am [[mòthan]] (''Pinguicula vulgaris'') meanbh-chuileagan, chan eil buaidh fhollaiseach aca uile air an àireamh-se.<ref name=Trees/>
 
A bharrachd air sin, tha luchd-rannsachaidh san [[An t-Eilean Sgitheanach|Eilean Sgitheanach]] agus ann an Earra Ghàidheal air dà ghnè de [[fìneag|dh'fhìneag dhearg]] a lorg (''Parafeiderium stuarti'' agus ''Centrotrombidium blackwellae'') aig a bheil larbhachan a tha 'nam [[Faoighiche|faoighichean]] 's a' tighinn beò air meanbh-chuileagan inbheachd.
936

deasachadh