An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Mòinteach Raineach"

Content deleted Content added
tea ;a
Loidhne 5:
Tha a' Mhòinteach Raineach ainmeil airson bheathaichean agus lusan sònraichte, gu h-àraidh Roid Raineach ([[Laideann]]: ''Scheuchzeria palustris'') a fhuair ainm bhon àite. Tha a' mòinteach a' cur dragh mòr air [[innleadair]]ean a thogas rathaidean agus [[Rathad-iarainn|rathaidean-iarainn]]. Nuair a chaidh [[Rathad Iarainn nan Eilean|rathad-iarainn iar na h-Alba]] a thogail thairis air a' mhòintich, bha aca ris a thogail air làr de dh'fhiodh, freumhan agus mìltean de thunnaichean de thalamh agus luaithre.
 
Tha am prìomh-rathad [[Rathad A82|A82]] a' dol tron Mhòintich Raineach eadar [[a' Chrìon Làraich]] agus [[an Gearasdan]]. Chithear [[Lochan na Stainge]] gu taobh an iar an rathaid, agus tha [[Loch Buidhe, Mòinteach Raineach|Loch Buidhe]] san àird an iar dheth. Chun an ear tha [[Loch Bà]] ri fhaicinn agus nas faide air falbh tha [[Loch Laidon]] ann.
 
Tha [[Slighe na Gàidhealtachd an Iar]] a' dol tron Mhòinteach Raineach eadar a' Chrìon Làraich, [[Taigh an Rìgh]] agus [[Ceann Loch Lìobhann]].