An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "An t-Urramach Calum MacLeòid"

Content deleted Content added
Ceanglaichean ri duilleagan eile
Barrachd cheanglaichean ri duilleagan eile
Loidhne 2:
 
 
Rugadh Calum MacLeòid ann an 1881 ann an Crabhlasta, [[Ùig, Leòdhas|Sgìre Ùige]], [[Eilean Leòdhais]]. Bha ceathrar mhac agus dithis nighean aig a phàrantan, Dòmhnall agus Anna: b' e Calum an treas leanabh a bh' aca. Thòisich e air obair-sgoile ann an Crabhlasta agus lean e air leatha ann an [[Sgoil MhicNeacail|Àrd-sgoil MhicNeacail]], [[Steòrnabhagh]] (1897-1900) agus ann an Àrd-sgoil Ghlaschu (1900-1902). Nuair a bha e fichead 's a h-aon bliadhna a dh'aois, thòisich e air cùrsa foghlaim fo-cheum aig [[Oilthigh Dhùn Èideann]]n agus anns a' bhliadhna 1906 chaidh ceum MA a bhuileachadh air. Dh'aithnich an t-[[Dòmhnall MacFhionghain (ollamh Ceiltis)|Ollamh Dòmhnall MacFhiongain]] gum b' e Calum fear de na h-oileanaich a b' fheàrr a thàinig dha na clasaichean Ceilteach aige a-riamh. B' ann anns na bliadhnaichean seo ann an [[Dùn Èideann]] a dh'obraich e còmhla ri sgioba eòlaichean gus cuideachadh a thoirt do dh'[[Éideard Dwelly|Eduard Dwelly]] leis an leabhar aige, "The Illustrated Gaelic-English Dictionary". Rinn Dwelly iomradh le buidheachas air ainm Chaluim ann an ro-ràdh an leabhair.
 
Anns a' bhliadhna 1910, às dèidh do Chalum crìoch a chur air an fhoghlam aige ann an Colaiste Nuadh, Dùn Èideann, bha e air a chur an dreuchd anns an t-[[An Srath|Srath]], an t-[[Eilean Sgitheanach]]. Chaidh stad a chur air, ged-thà, leis a' [[An Cogadh Mòr|Chogadh Mhòr]] agus bho thoisich na bliadhna 1915, chuir e seachad trì bliadhna ag obair le saighdearan anns an Fhraing. Bho 1916 a-mach, bha e na mhinistear-airm còmhla ris na Ceathramh GordanaichGòrdanaich agus an Roinn Ghàidhealaich, an Leth-cheud 's a h-Aon. Rinn e seirbheis aig mòran bhlàran-catha a mhaireas fada ann an cuimhne a' chinne-daonna, nam measg an [[Blàr an Somme|Somme]] agus Ypres.
 
Nuair a thill e às an Fhraing, lean Calum air le a dhreuchd anns an Eaglais Shaoir Aonaichte ann an [[Ceann Loch GilpGilb]]. Thòisich e air ùidh a ghabhail ann an cuspairean a chumadh grèim air aire fad a bheatha: ann an obair a’ Chomuinn Ghàidhealaich, agus na fhoghlam pearsanta anns a' Ghàidhlig, ann an [[Seann-Ghàidhlig|Seann Ghaeilge]], ann an eachdraidh agus ann an eachdraidh nàdair.
 
Ann an 1924, dh'fhàg e slàn le Ceann Loch GilpGilb airson gairm a ghabhail ann an eaglais thràing agus dhùbhlanaich ann an Glaschu: Eaglais Iain Knox agus Tradeston. A dh'aindeoin eallach a dhreuchd, lean e air le obair a' Chomuinn Ghàidhealaich agus dh'fhàs e gu bhith cliùiteach mar òraidiche air cuspairean Ceilteach. Bha e air a bhith dealasach mar sgrìobhadair airson ràitheachan-eaglaise bhon a bha e na oileanach agus bha na sgilean seo air an aithneachadh ann an 1936, nuair a chaidh iarraidh air a bhith na dheasaiche iris mhìosail a' Chomuinn Ghàidhealaich, '[[An Gàidheal]]'.
 
Chuir Calum seachad na naoi bliadhna mu dheireadh de a bheatha agus de a mhinistrealachd ann am Both Chuidir, Siorrachd Pheairt. Thar nam bliadhnaichean, bha e air cliù a chosnadh dha fhèin mar mhinistear dìleas, dealasach, mar òraidiche air leth agus mar aoghair còir, coibhneil, agus chleachd e na buadhan seo airson math a choitheanail ùir. Thug e tlachd dha a bhith a' bruidhinn anns a' Ghàidhlig ri a nàbaidh, Flòraidh Nic a' Phearsain - bha a' bhana-mhaighstir-sgoile seo à Gearrloch, Rois an Iar, o thùs - agus ris an luchd-sgìreachd aige, m.e. Iain MacNeachdainn, Inbhir Loch Làirig.