An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Iapanais"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 44:
|-
|}
Tha tuilleadh air 130 millean daoine aig a bheil '''Iapanais''', a tha a' fuireach san [[An t-Seapan|t-Seapan]] agus ann an coimhearsnachdan eilthirich Iapanach air feadh an t-saoghail. 'S e '''''Nihongo''''' ('''日本語''') a theirear ri Iapanais anns a' chànan fhèin. Tha e a' ciallachadh ''cànan na h-Iapain''. 'S e ''Grian'' a' bhrìgh a th' air an [[kanji]] [[日]] agus an seo, ''Freumh'' air [[本]]. Tha am briathar Sìonach-Iapanach seo, 日本 (''Nihon'' no ''Nippon''), a' toirt dealbh air an Iapan bho shealladh na Sìona, a thaobh suidheachaidh cruinn-eòlasach an dà dhùthaich. 'S i an Iapan far a dh' èireas [[A' Ghrian|a' ghrian]] agus [[an t-Sìn]] far an tèid i foidhpe. Tha an abairt ''Tìr Èirigh na Grèine'' a' tighinn às an sin.
 
== Tùs agus Seòrsachadh ==
 
'S e cànan in-sònraichte (''isolated language'') a th' ann an Seapanais. 'S e an cànan as dlùithe ris, [[Coireanais]] (a thaobh [[morf-eòlas]], [[co-chàradh]] gu h-àraid), ach nam biodh [[Ryūkyūanais]] (teanga [[Okinawa]]) ga mheas mar chànan na chòir fhèin, 's esan an cànan a bu dhlùithe mar phàirt dhen aon teaghlach cànain. <ref> '''Japan As It Is/日本タテヨコ''';Ceathramh Eagran Dà-chànanach, ''foillsichte le Gakken'' ISBN 4-05-401425-9 </ref>
 
Gidheadh, 's iomadh teoric a tha ann a tha a' sireadh air mìnicheadh a thoirt air tùs a' chànain seo, ach chan eil fiù 's aon dhiubh sin nach eil air a connsachadh. Tha cuid de sgoilearan air Seapanais a cheangladh ri [[Coireanais]], [[Mongolais]] agus na [[cànanan Altaic]] eile, a' toirt iomradh air coimeas gràmadach eatorra. Tha sgoilearan eile a' sìreadh tùs a' chànain ann an [[sòisealtasan]] coltach ri Seapan a thaobh [[cultar]] agus [[eigeòlas]] eadar ceann a Deas na [[an t-Sìn|Sìne]] agus [[An Himalaya]]. An dèidh sin, tha feadhainn eile a' cumail a-mach gur ionnan tùs a' chànain agus na [[cànanan Draibhideach]] agus [[cànanan nan ioma-eileanach]].(Polynesia) 'S ann tric a bhithear a' moladh gur e [[crìtheol]] a th' anns a' chànan seo, a' gabhail a-steach tuilleadh air aon de na teangannan sin.
Loidhne 58:
Ged a tha [[riochdair]]ean ann mar: 私 ''watashi'' (mi), あなた ''anata'' (thu), 彼 ''kare'' (e), 彼女 ''kanojo'' (i) is mar sin air adhart, chan eileas gan cleachdadh cho tric ann an còmhradh, seach ann an sgrìobhadh. Tha sin a' dèanamh gu bheil Seapanais caran neo-dhìreach mar chainnt; rud a tha a' freagairt an t-sluaigh Seapanach gu math, oir tha iadsan gam meas neo-dhìreach gu leòr nan dòighean.
 
Mar eisimpleir, chanar 私はスコットランド人です。''watashi ha sukottorandojin desu''. ('''Mise - Albannach - tha''') (Tha mi nam [[Albannach]]), ach ann an còmhradh far a bheil e soilleir cò tha a' bruidhinn agus cò mu dheidhinn, dh' fhàgar ''watashi'' (còmhla ris a' chomharra は ''wa''), a-mach agus theirear スコットランド人です。''sukottorandojin desu''; (Albannach-tha). Cha leigeas a leas an riochdair ''watashi'' (mi) a ràdh idir airson 's gun tuig daoine. Mar sin dheth, tha Seapanais gu math feumail airson bruidhinn air daoine, no air dìomhaireas nach eileas ag iarraidh fhoillseachadh. Fiù 's nan cluinneadh cuideigin an còmhradh, dh' fhaoidte nach ann a bhiodh fios aca cò no dè air a bhiodh an luchd-labhairt a-mach, air sgàth chion riochdairean. 'S e cnag na cùise a th' ann nach eil an t-subseig ga cleachdadh a h-uile uair ann an còmhradh.
 
'''Riochdan Modhail'''
Loidhne 64:
'S iomadh chaochladh a tha air Seapanais a-rèir dreuchd, inbhe is àite san t- sòisealtas, gnè agus aithneachadh sgìreil an neach-labhairt. Tha siostam gràmadach farsainn aig Seapanais gus cainnt a chur air foirmeileachd agus modhaileachd; rud aig nach eil a' chuid as motha de chànanan Siarach.
 
== ''Keigo'' ==
 
'S e ''[[Keigo]]'' (敬語) a chanas ri modhaileachd ann an Seapanais, agus thathas ga cleachdadh a-rèir inbhe a' chàirdeas a tha ann eadar daoine. Chan eil càirdeas co-ionnan sa chumantas ann an sòisealtas Seapanach. 'S tric a bhios suidheachadh nas àirde aig neach, agus gabhaidh sin a dhearbhadh a-rèir iomadach fhactair leithid dreuchd, aois, eòlas no fiù 's an suidheachadh anns a bheil neach aig an àm - mar eisimpleir, cuideigin ag iarraidh fàbhair air cuideigin eile. Thathas a' cleachdadh ''Keigo'' ann an gnothach sam bith far a bheil neach-obrach a' bruidhinn ri neach-ceannaich; m.e. ann an [[taigh-bìdh]], no [[bùth]] sam bith eile. Faodaidh an neach-ceannaich cainnt dhìreach mhì-fhoirmeil a chleachdadh (gu ìre), ach chan fhaod an neach-obrach idir, mura h-e neach a tha tòrr nas aosta na an neach-ceannaich a th' ann.
 
'''=== Dòighean eadar-dhealaichte air na h-aon rudan a ràdh.''' ===
Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad ''mairu'' agus ''ukagau'' na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh. (Oiroir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin.; Dhdh' fhaodadh '''[[ùmhlachd Seapanais|cainnt ùmhail]]''' seach '''[[urramachd Seapanais|cainnt urramach]]''' a chur orra.). Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad ''irassharu'' agus ''oideninaru'' na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e ''iku'' am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, ''yo'' no ''wa'', air an cur ris a cheann. 'S e ''ikimasu'' no ''ikundesu'' a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean "''desu''/''masu''" a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail ''-desu'' no ''-masu''.
 
Tha fiù 's gnìomhar beag sìmplidh air a chur an cèill ann an diofar dhòigh a-rèir cò tha a' dol càite. Ma tha thu fhèin a' dol a thadhail air neach aig a bheil inbhe nas àirde, 's iad ''mairu'' agus ''ukagau'' na gnìomhairean a thathas a' cleachdadh. (Oir, tha sin a' sealltainn an inbhe nas ìsle a th' agad fhèin. Dh' fhaodadh '''[[ùmhlachd Seapanais|cainnt ùmhail]]''' seach '''[[urramachd Seapanais|cainnt urramach]]''' a chur orra.) Ma 's e neach 's inbhe nas àirde aige a bhios a' falbh a dh'àiteigin, 's iad ''irassharu'' agus ''oideninaru'' na gnìomhairean urramach. Tha diofar ìrean fhoirmealachd ann cuideachd. Ma 's e 's gu bheileas a' bruidhinn ri caraidean dlùith, 's e ''iku'' am facal mì-fhoirmeil, leis na comharran fireann no boireann, ''yo'' no ''wa'', air an cur ris a cheann. 'S e ''ikimasu'' no ''ikundesu'' a bhiodh ann ge-tà, ann an suidheachadh nas fhoirmeile, fiù 's eadar daoine is inbhe co-ionann aca. 'S iad suidheachaidhean "desu/masu" a theireas ri seo; far an gabh gnìomhairean suidheachaidhean foirmeil na deiridhean modhail ''-desu'' no ''-masu''.
 
== Ceanglaichean a-mach ==