An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Beurla"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 25:
}}
 
Is [[cànan]] [[Gearmailteach]] a tha ann am '''Beurla''' (''English'') mar a tha [[Duitsis]], [[Gearmailtis]] agus cànanan [[Lochlainn]] msa. 'S i a' Bheurla tè dhe na cànanan as motha air an t-[[saoghal]]; a thaobh àireamh luchd-labhairt dùthchasach, tomhaisear gur i an treasamh cànan sa [[cruinne|chruinne]] an dèidh [[Sìonais]] (1mh) agus [[Hindi]] (2na); ach canar le cuid eile gum bheil i aig a' chòigeamh àite an dèidh na [[Spàinntis]]. Measar gur i a' Bheurla an cànan as motha a tha ga labhairt agus ga ionnsachadh mar dàrna cànan air feadh an t-saoghal mhòr. 'S ise aon de shia cànanan oifigeil, agus dà chànan obrach, nan [[Dùthchannan Aonaichte]], còmhla ri [[Fraingis]].
 
== Beurla sa Ghàidhlig agus cànanan eile ==
[[File:EN English Language Symbol ISO 639-1 IETF Language Tag Icon.svg|left|thumb|upright|EN ([[ISO 639]]-1)]]
Ged is i [[Sasainn]] a' [[Gàidhlig]] air an [[dùthaich]], agus [[Sasannach]] air nithean a bhuineas do Shasainn, thàinig gur i ''Beurla'' a ghabhas air a' chànan. Tha Beurla a' buntainn do '''Bélre''' san t-seann Ghàidhlig, a' tighinn bho "beul" agus "re".<ref>[http://www2.smo.uhi.ac.uk/gaidhlig/faclair/macbain/macbain.txt/ Faclair MhicBheathain]</ref> Mar seo, tha i cuideachd a' ciallachadh ''cainnt'', no ''teanga '' san fharsaingeachd a bharrachd air a brìgh san latha a th' ann. Tha a' Ghàidhlig, a-rèiste, a' cur dealachadh eadar a' Bheurla Shasannach, mar a labhras ann an Sasainn i, agus Beurla Albannach, Beurla leathann, no mar as fheàrr a dh' aithnichear an-diugh i, [[Beurla Ghallda]] air an cuireadh [[Beurla Ghallda]] bho chionn goirid air sgrìobhainnean oifigeil na h-Alba. 'S ann a tha cùisean a' tighinn nas toinnte buileach nuair a bheachdaicheas gur i Beurla na Fèinne a chanas ris an t-seann Ghàidhlig a bh' air a bruidhinn measg muinntir na Fèinne san t-seann aimsir.<ref>[http://www.faclair.com/?txtSearch=Beurla Dwelly-d]</ref>
 
Thachair gur e facal ceangailte ri ainm aon de na treubhan Gearmailteach - na h-Anglaich - a chuireadh air Sasainn agus air a' Bheurla Shasannach sa chànan fhèin; ''England'', ''English''. Mar an ceudna, anns a' chuid as motha de chànanan an t-saoghail ma-tà, tha am facal a thathas a' cur air Beurla, a' buntainn don fhacail a thathas a' cleachdadh mar ainm Shasainn (m.e. Angleterre, anglais; Inglaterra, ingles) ach ann an cànanan mar [[Sìonais|Shìonais]] no [[Iapanais]], chan eilear a' cur dealachadh eadar Sasainn, Beurla Shasainn no [[Breatainn]], a dh' aindeoin 's gum bheil faclan eile aca air [[Alba]], [[a' Chuimrigh]] ag]us [[Èirinn]] a Tuath. Mar eisimpleir, ann an Iapanais, canar 英語 (''eigo'') ri Beurla Shasainn, agus 英国(''eikoku'') ri [[Breatainn]], [[Sasainn]] no an [[Rìoghachd Aonaichte]] am bitheantas ach, 's e a th' ann am barail mòr-shluagh na dùthcha sin an da-rìreabh, ach Sasainn a-mhàin, oir chan eil eadar-dhealachadh ann eadar Breatainn (英国), agus an R.A (A(イギリス no Sasainn (Sasainn(英国、イギリス、イングランド) nan)nan [[eanchainn]]ean, do bhrìgh 's gum bheil dlùth-cheangail sa chainnt mhàthaireil aca eadar an ''cànan'' fhèin (Beurla Shasannach) agus na h-ainmean Breatainn, an R.A agus Sasainn uile. Thathar a-nis a' cur dealachadh eadar イングランド ''ingurando'' (Sasainn),スコットランド''sukottorando'' (Alba), ウエールズ''ueeruzu'' (A' Chuimrigh), 北アイルランド ''kitaairurando'' (Èirinn a Tuath) agus イギリス ''igirisu'' (Sasainn, An Rìoghachd Aonaichte), gu h-àraid bhon a bha Sgioba Ball-coise Shasainn a' cluich ann an [[Cuach na Cruinne]] ann an [[Iapan]] an 2002. Gidheadh, 's e facal a bhuineas don fhacail [[Portagailis|Phortagailis]] - '''ingles''' - a th' ann an イギリス.
 
* N.B (Ged a tha abairt ann mar 連合王国 (''Rengououkoku'' - An Rìoghachd Aonaichte), chan eil e air a cleachdadh gu tric. Cleachdaidh Seirbhis Puist Nàiseanta Iapain イギリス ''(igirisu'') mar ainm airson An Rìoghachd Aonaichte.).
 
== Eachdraidh ==
Thàinig a' Bheurla bho thùs gu bith bho na dual-chainntean [[Angla-Fhreaslainnis]] a bh' air an labhairt leis na treubhan Gearmailteach - [[Anglaich]], [[Sagsanaich]], [[Diutaich]] agus [[Freaslainnich]] - a bhruth a-steach do [[Breatainn|Bhreatainn]] a Deas aig toiseach a' chòigeamh linn agus a bhuineadh do sgìrean far am bheil Iar-thuath na [[Gearmailt]] agus [[Na Tìrean Ìsle|Tìrean Ìsle]] a Tuath an-diugh.
 
An dèidh do [[Uilleam Diùc Normandaidh]] na [[Sasannach|Sasannaich]] a cheannsachadh, chuir e fhèin agus na h-uaislean aige dìmeas air a' Bheurla agus gach ni Sasannach. Cha robh cànan sam bith air a theagasg ann an sgoiltean no oilthighean ach [[Fraingis]] no [[Laideann]] rè mòran linntean an dèidh sin. Is mòr an t-atharrachadh a thàinig air a' Bheurla bho na làithean ud.
Loidhne 46:
Thug an Impireachd Bhreatannach a' Bheurla còmhla riutha oir a bha i an cànan riaghlachais anns a' h-uile tuineachas. Tha dualchainntean eadar-dhealaichte na Beurla anns an [[Alba]], [[a' Chuimrigh]] is an [[Èirinn]], anns na [[Stàitean Aonaichte]], anns [[na h-Innsean]], ann an dùthchannan na h-[[Afraga]] agus dùthchannan eile.
 
Tha cuideachd crìtheolan a thàrmaich às a' Bheurla, mar eisimpleir Patois [[Iaimeuca|Diameugach]], Crìtheol na [[Beilise|Bheilìs]], Gullah (ann an t-Saoghal Ùr), "''Hinglish''", "''Singlish''" is eile (ann an [[Àisia]]), agus Crìtheol nan [[Hawaii|Eileanan Hawai'i]] anns a' [[Cuan Sèimh|Chuan Sèimh]]. Tha crìtheolan eadar-dhealaichte ann an mòran eilean ann an Roinn Charaibeach.
 
== Aistean co-cheangailte ==