An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rìoghachd na h-Alba"

Content deleted Content added
Loidhne 43:
Thog crùn na h-Alba na dreuchdan a bha cumanta ann an cùirtean taobh an iar na Roinn Eòrpa, mar an [[Stiùbhard na h-Alba|stiùbhard]], [[Seumarlan na h-Alba|seumarlan]], [[Constabal na h-Alba|constabal]], [[Marasgal na h-Alba|marasgal]] agus [[Seansalair na h-Alba|seansalair]].<ref name=Barrow1965pp11-12>G. W. S. Barrow, Robert Bruce (Berkeley CA.: University of California Press, 1965), pp. 11-12.</ref> Dh'fhàs Comhairle an Rìgh na bhuidheann làn-ùine sa chòigeamh linn dheug agus thar ùine, fhuair daoine nach robh nan clèireach agus a bha tàireil air rian a' cheartais làmh an uachdair ann.<ref name="Wormald1991pp22-3">J. Wormald, ''Court, Kirk, and Community: Scotland, 1470–1625'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 1991), ISBN 0748602763, pp. 22-3.</ref> Bha [[Comhairle Dhìomhair na h-Alba|a' chomhairle dhìomhair]], a thàinig gu bith aig meadhan na siathamh linn dheug,<ref name="Goodacre2004pp35&130">J. Goodacre, ''The Government of Scotland, 1560-1625'' (Oxford: Oxford University Press, 2004), ISBN 0199243549, pp. 35 and 130.</ref> agus oifisean mòra na stàite, a' gabhail a-staigh an t-seansalair, rùnaire agus agus [[Ionmhasair na h-Alba|ionmhasair]], aig teis-mheadhan rianachd an riaghaltais fad ùine mhòr, fiù an dèidh dha na monarcan Stiùbhartach falbh a Shasainn a-mach o 1603.<ref name="Goodacre2004pp150-1">J. Goodacre, ''The Government of Scotland, 1560-1625'' (Oxford: Oxford University Press, 2004), ISBN 0199243549, pp. 150-1.</ref> Ge-tà, chaidh a chur gu taobh gu tric agus chaidh cur às dha an dèidh [[Achd an Aonaidh]] ann an 1707 agus chaidh Alba a riaghladh calg-dhìreach o Lunnainn an uairsin.<ref>J. D. Mackie, B. Lenman and G. Parker, ''A History of Scotland'' (London: Penguin, 1991), ISBN 0140136495, p. 287.</ref> Dh'fhàs a' Phàrlamaid na bhuidheann chudromach cuideachd agus fhuair e smachd air cùisean co-cheangailte ri cìsean is poileasaidhean.<ref>K. M. Brown and R. J. Tanner, ''The History of the Scottish Parliament volume 1: Parliament and Politics, 1235-1560'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 2004), pp. 1-28.</ref> Bha i a' suidhe cha mhòr gach bliadhna aig deireadh nam Meadhan Aoisean, gu sònraichte leis gun robh uiread a rìghrean mion-aoiseach is tànaisteachdan ann sna linntean ud, rud a chùm a' mhonarcachd o bhith ga chur gu taobh ma dh'fhaoidte.<ref name="Wormald1991p21">J. Wormald, ''Court, Kirk, and Community: Scotland, 1470–1625'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 1991), ISBN 0748602763, p. 21.</ref> Bha e air leth cudromach ann an rianachd na dùthcha tràth san linn ùr, a' stèidheachadh laghan is cìsean ach dh'fhàs is chrìon a' bhuaidh aice agus cha robh e a-riamh cho cudromach ann an Alba 's a bha e ann an Sasainn gus an deach cur às dha ann an 1707.<ref>R. Mitchison, ''A History of Scotland'' (London: Routledge, 3rd edn., 2002), ISBN 0415278805, p. 128.</ref>
 
Bha rìghrean tràtha nan Albannach gu mòr an eisimeil tighearnan mòra nam [[mormaer]] (morairean), a bha ann ro linn nan [[iarla]]n, agus nan [[toísech]] (toiseach]]), a bha ann ro na [[taidhn]]ichean ach a-mach o rìoghachd Daibhidh I, chaidh [[siorramachd]]an a stèidheachadh a thug barrachd smachd dìreach dhan rìgh agus a chuingich cumhachd nan tighearnasan mòra mean air mhean.<ref name=McNeil&MacQueenpp191-4>P. G. B. McNeill and Hector L. MacQueen, eds, ''Atlas of Scottish History to 1707'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 1996), pp. 191-4.</ref> Chaidh [[maor-ceartais|maoir-cheartai]] agus [[Coimiseanairean an t-Solair]] a stèidheachadh san t-seachdamh linn dheug agus dh'fhàs an riaghaltas ionadail fada nas èifeachdaiche ri linn sin.<ref>R. A. Houston, I. D. Whyte, ''Scottish Society, 1500-1800'' (Cambridge: Cambridge University Press, 2005), ISBN 0521891671, p. 202.</ref> Eadar bàrain na cùirte a chùm a' dol agus stèidheachadh seiseanan na h-Eaglaise, chaidh aca cumhachd nan tighearnan ionadail a dhaingneachadh.<ref>R. Mitchison, ''Lordship to Patronage, Scotland 1603-1745'' (Edinburgh: Edinburgh University Press, 1983), ISBN 074860233X, pp. 80-1.</ref>
 
==Lagh==