An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rinn Friù"

Content deleted Content added
Daibhidh I na h-Alba
stèiseanan-rèile
 
Loidhne 18:
 
Bha seirbheis aiseig chudromach eadar Rinn Friù agus [[Eochair]] air an abhainn Chluaidh. Bha còir aiseig tè de na pribhleidean a thug Seumas VI dha anns a' chairt ann an 1614. Nochd a' chiad aiseag-smùide ann an 1865. An dèidh do ghàrraidhean-shoithichean a dhùnadh is do Dhrochaid Arasgain fhosgladh chaidh an aiseag na aiseag choisichean ann an 1984.<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.clydewaterfront.com/clyde-heritage/renfrew/renfrew-ferry | tiotal = Renfrew Ferry | foillsichear = Clyde Waterfront | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref>
 
== Rèile ==
 
Ged a bha loidhnichean eadar Glaschu is Rinn Friù agus eadar [[Pàislig]] agus Cidhe-bathair Rinn Friù,<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.railscot.co.uk/Paisley_and_Renfrew_Railway/index.php | tiotal = Paisley and Renfrew Railway | foillsichear = RAILSCOT | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref> 's e am baile as motha às aonais stèisean-rèile ann an Alba a tha ann an Rinn Friù.<ref>{{iomradh naidheachd | url = https://www.glasgowtimes.co.uk/news/13238125.plan-to-deliver-railway-link-to-renfrew/ | tiotal = Plan to deliver railway link to Renfrew | ceann-là = 2012-09-10 | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 | foillsichear = Glasgow Times }}</ref>
 
Bha còig stèiseanan-rèile ann an Rinn Friù, mar eisimpleir Rinn Friù a Deas air an loidhne Phàislig is Rinn Friù, a dh'fhosgail 1 Cèitean 1866 agus a dhùin 5 Ògmhios 1967.<ref>{{iomradh lìon | url = https://canmore.org.uk/site/249249/renfrew-renfrew-south-station | tiotal = Renfrew, Renfrew South | obair = Canmore | foillsichear = [[Àrainneachd Eachdraidheil Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref>
Bha stèiseanan air an loidhne Glaschu is Rinn Friù aig Innis an Rìgh agus ann am Porterfield a dh'fhosgail 1 Ògmhios 1903 agus a dhùin 19 Iuchar 1926.<ref>{{iomradh lìon | url = https://canmore.org.uk/site/197760/renfrew-kings-inch-railway-station | tiotal = Renfrew, King's Inch Railway Station | obair = Canmore | foillsichear = [[Àrainneachd Eachdraidheil Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref><ref>{{iomradh lìon | url = https://canmore.org.uk/site/197680/renfrew-porterfield-station | tiotal = Renfrew, Porterfield Station | obair = Canmore | foillsichear = [[Àrainneachd Eachdraidheil Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref> B' e an stèisean air cidhe agus an stèisean air Sràid Fhulbar a bha as sine ann an Rinn Friù.<ref>{{iomradh lìon | url = https://canmore.org.uk/site/173040/renfrew-wharf-station | tiotal = Renfrew Wharf Station | obair = Canmore | foillsichear = [[Àrainneachd Eachdraidheil Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref><ref>{{iomradh lìon | url = https://canmore.org.uk/site/197714/renfrew-fulbar-street-station | tiotal = Renfrew, Fulbar Street Station | obair = Canmore | foillsichear = [[Àrainneachd Eachdraidheil Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref>
 
== Aistidhean ceangailte ==
* [[Siorrachd Rinn Friù]]
Line 26 ⟶ 34:
{{Smachd ùghdarrais}}
[[Roinn-seòrsa:Bailtean na h-Alba]]
[[Roinn-seòrsa:Siorrachd Rinn Friù]]