An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rinn Friù"

Content deleted Content added
aiseag
ceangal ri Aiseag Rinn Friù
Loidhne 12:
 
Chaidh caisteal a thogail ann an Innis an Rìgh le Walter Fitz-Alan, Àrd-stiùbhard na h-Alba anns an 12mh linn, agus caistealan eile air an aon làrach anns an 13mh agus anns an 15mh linn. Cheannaich Andrew Spiers an làrach anns an 18mh linn is sgrios e an caisteal, agus e a' chleachdadh an stutha airson Taigh Ach na Feàrna.<ref>{{iomradh lìon | url = https://canmore.org.uk/site/44167/renfrew-kings-inch | tiotal = Renfrew, King's Inch | obair = Canmore | foillsichear = [[Àrainneachd Eachdraidheil Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref>
 
== Aiseag ==
: ''Faic [[Aiseag Rinn Friù]] airson barrachd fiosrachaidh.''
 
Bha seirbheis aiseig chudromach eadar Rinn Friù agus [[Eochair]] air an abhainn Chluaidh. Bha còir aiseig tè de na pribhleidean a thug Seumas VI dha anns a' chairt ann an 1614. Nochd a' chiad aiseag-smùide ann an 1865. An dèidh do ghàrraidhean-shoithichean a dhùnadh is do Dhrochaid Arasgain fhosgladh chaidh an aiseag na aiseag choisichean ann an 1984.<ref>{{iomradh lìon | url = http://www.clydewaterfront.com/clyde-heritage/renfrew/renfrew-ferry | tiotal = Renfrew Ferry | foillsichear = Clyde Waterfront | ceann-là_inntrigidh = 2020-11-13 }}</ref>