An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Ioslam"

Content deleted Content added
b corr using AWB
Loidhne 37:
Anns a' chiad sia [[linn]] de dh'eachdraidh Ioslaim, 's e aon de na rudan as mothachail an strì eadar an creideamh ùr ud agus an fheadhainn eile ([[Crìosdaidheachd]] agus creideamh [[Soroaster]] ann am [[Persia]]) a chaill torr is barrachd talamh ris ann an cogaidhean an dèidh do Mohammad agus an sluagh aige tòiseachadh air ceannairc an aghaidh na dùthchannan mun cuairt. Anns a' bhliadhna [[600]] bha dà [[Impireachd]] mhòr, shean agus chumhachdach gun teagamh air gach taobh den roinn ris an canar [[an Ear Mheadhanach]] san latha an-diugh;
 
'S e a' chiad tè dhiubh an impireachd [[Roimh Earrach]], ris an canar 'Byzantium' mar is tric, leis a' phrìomh-bhaile [[Constantinople]] ([[Istanbul]] anns [[an Tuirc]] san latha an-diugh). Ged a thuit [[an Ròimh]] agus an impireachd anns an Iar fo sgrios [[na sean Ghearmailtich]], no [[Gotaich]], bha am pàirt seo den impireachd ainmeil ud fhathast beò, làidir agus dha-rìribh cha mhòr cho cumhachdach ris an Roimh aig àm sam bith de dh'eachdraidh. Nas fhaide an ear bha [[Persia|Impireachd Phersia]], no [[Iran]], ris an canar an Impireachd [[Sassanid]] mar is tric. B' e seo dùthaich eile le eachdraidh a cheart cho aosd ris an Roimh agus gu dearbh tha e duilich àm sam bith a lorg an eachdraidh 'nuair nach robh an da impireachd mhòr seo a' cogadh an aghaidh a chèile. Aig an àm seo bha [[Afraga a Tuath]], gu h-àraid an [[an Èipheit]], an talamh far a bheil an Tuirc san latha an-diugh, [[a' Ghrèig]], taobh a deas [[an Eadailt]] agus oirthir am meadhan ear fo smachd Constantinople.
 
== Ceangal a-mach ==