An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Glaschu"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 18:
}}
 
'S e am baile as motha ann an [[Alba]] a th' ann an '''Glaschu''' [IPA: ˈɡ̊ɫ̪as̪əxu] ([[Beurla]]: ''Glasgow'', [[A' Bheurla Ghallda|a' Bheurla Ghallta]]: ''Glesgie'' no ''Glesca''<ref>{{iomradh lìon | url = http://dsl.ac.uk/entry/snd/glesca | tiotal = Glesca prop n. | foillsichear = Dictionary of the Scots Language | ceann-là_inntrigidh = 2017-09-23}}</ref>) ged as e [[Dùn Èideann]] [[prìomh-bhaile]] na dùthcha.
 
'S e fear de na 32 [[Comhairlean na h-Alba|ùghdarrasan ionadail]] ann an Alba a tha ann. Tha freumhan an ainm stèidhichte air ''glas'' + ''cu'', a' ciallachadh "sloc glas/gorm" anns a' [[Briothannais|Bhriothannais]].<ref>{{ iomradh lìon | url = http://www.parliament.scot/Gaelic/placenamesF-J.pdf | tiotal = Ainmean-Àite | ainm = Iain | sloinneadh = Mac an Tàilleir | ceann-là = 2003 | foillsichear = [[Pàrlamaid na h-Alba]] |ceann-là_inntrigidh = 2017-02-10 | fòrmat = pdf}}</ref><ref>{{ iomradh lìon | url = https://www.ainmean-aite.scot/placename/glasgow/ | tiotal = Glasgow/Glaschu | foillsichear = [[Ainmean-Àite na h-Alba]] | ceann-là_inntrigidh = 2017-09-23 }}</ref> Tha e suidhichte ann an taobh an iar na h-Alba air [[Abhainn Chluaidh]] ann an [[Srath Chluaidh]]. Chaidh a stèidheachadh anns an [[6mh linn]] leis an [[Naomh Mungan]] (ris an canar Ceanntighearna neo Kentigern cuideachd) air an àite far a bheil a' [[Cathair-eaglais Ghlaschu|chathair-eaglais]] (a thòisich air a togail anns an 12na linn) an-diugh.
 
Tha an dàrna [[Oilthigh Ghlaschu|oilthigh]] as sine ann an Alba anns a' bhaile (bho 1451, an ceathramh as sine anns a' Bhreatainn). Le còmhdhail tombaca, gàrraidhean-iarainn agus gnìomhachas eile, bha ''An Dàrna Cathair san Ìompaireachd'' (''"The Second City of the Empire"'') air Glaschu aig deireadh 19mh linn. Chaidh gnìomhachas trom anns a' bhaile a chrìonadh gu mòr aig deireadh an fhicheadamh linn, ach dh'èirich [[leas-gnìomhachas]], m.e. roinn ionmhasail, turasachd agus coimpiutaireachd, agus lorg rannsachadh ann an 2005 gun robh [[Làn-thoradh Dùthchail|làn-thoradh dùthchail]] gach pearsa nas motha anns an [[An Rìoghachd Aonaichte|Rìoghachd Aonaichte]] dìreach ann an [[Lunnainn]] agus Dùn Èideann.<ref>[http://www.scotsman.com/news/edinburgh-uk-s-second-most-prosperous-city-1-738231 ''Edinburgh UK's second most prosperous city.''] ''[[An t-Albannach]]'', 3 an Cèitean 2005.</ref> Chaidh an [[STUC]] a stèidheachadh an seo ann an [[1897]].
Line 29 ⟶ 30:
=== Meadhan na Cathrach ===
Tha Meadhan na Cathrach air a chuairteachadh le Abhainn Chluaidh air a thaobh a deas, leis an t-Sràid Àird is Margadh an t-Salainn air a thaobh an ear, agus air a thaobhan a tuath is an iar leis a' [[Mòr-rathad|mhòr-rathad]] [[M8 (mòr-rathad)|M8]] a chaidh a thogail eadar 1968 agus 1972. Tha iomadh àite agus togalach cudromach suidhichte ann am meadhan na cathrach, m.e.:
* Ceàrnag Sheòrais le [[Seòmraichean na Cathrach (Glaschu)|Seòmraichean na Cathrach]] ("City Chambers" sa Bheurla), far a bhios Comhairle Baile Ghlaschu a' coinneachadh;
* stèidheachaidhean foghlaim mar [[Oilthigh Srath Chluaidh]] no [[Conservatoire Rìoghail na h-Alba]];
* an dà stèisean rèile as motha ann an Glaschu ([[Stèisean Meadhan Ghlaschu|Glaschu Mheadhain]] is [[Stèisean Sràid na Banrighinn|Glaschu Sràid na Banrighinn]]);
* an togalach agus an taigh-còmhnaidh as sine anns a' chathair aig ceann na Sràide Àirde, fa leth [[Cathair-eaglais Ghlaschu]] agus "[[Provand's Lordship|''Provand's Lordship'']]";
* làthairean cultarach mar [[Taigh-cluiche Rìoghail (Glaschu)|Thaigh-cluiche Rìoghail]], [[Talla Consairt Rìoghail Ghlaschu]] no [[Gailearaidh Ealain Ùr-nòsach (Glaschu|Gailearaidh Ealain Ùr-nòsach]]
* àrainnean bhùthan mar Shràid Bhochanan, Sauchiehall Street no Ionad Naomh Enoch.
 
=== Ceann an Iar ===
Line 43 ⟶ 44:
 
=== Taobh a Deas ===
Thathar Taobh a Deas air a' phàirt de Ghlaschu a tha deas air Abhainn Chluaidh. Ged as e gu mòr ceàrn còmhnaidheach a tha innte, tha caochladh fheartan ainmeil ann, m.e. na prìomh-àrosan aig a' [[BBC Scotland|BhBC Scotland]] agus an [[STV]], lann-cluiche buill-choise nàiseanta [[Pàirc Hampden]] no grunn phàircean, agus ionad-cluiche ball-coise aig [[C.B. Rangers]] [[Lann-cluich Ibrox]] (''Ibrox Stadium'') ann cuideachd. Nam measg [[Pàirc Dùthcha Pollok]], an tè as motha ann an Glaschu anns a tha an cruinneachadh ealain cliùiteach [[Cruinneachadh Bhurreill]]. Tha mòran [[iomall-bhaile|iomall-bhailtean]] agus [[baile-eisimeil|bailtean-eisimeil]] aig Glaschu anns na siorrachdan an cois a' bhaile, m.e. [[An Ruadh-Ghleann]] agus [[Camas Long]] ann an [[Comhairle Shiorrachd Lannraig a Deas|Siorrachd Lannraig a Deas]] no [[Giofnag]] ann an [[Comhairle Shiorrachd Rinn Friù an Ear|Siorrachd Rinn Friù an Ear]].
 
=== Glaschu a Tuath ===
Line 61 ⟶ 62:
 
=== Fo-rèile ===
Dh'fhoillsich rèile fon talamh Ghlaschu no Glasgow Subway air 14 Dùbhlachd 1896 mar an treas siostam fo-rèile anns an t-saoghal (as dèidh fo-rèilean [[London Underground|Lunnainn]] agus [[Budapesti metró|Budapest]]). Chaidh a dealanachadh ann an 1937, ach cha do dh'atharraich cùrsa na dà loidhne aice. Tha an "Cearcall a-muigh" a' ruith gu deiseil agus an "Cearcall a-staigh" gu tuathail. 'S iad na stèiseanan (a' leantainn a' Chearcall a-muigh): [[Pàrtaig]] - [[Kelvinhall]] - [[Ceann a' Chnuic]] - [[Kelvinbridge]] - [[St George's Cross]] - [[Cowcaddens]] - [[Buchanan Street]] - [[St Enoch]] - ''(fon Abhainn Chluaidh)'' - [[Bridge Street]] - [[West Street]] - [[Shields Road]] - [[Pàirc a' Choinein]] - [[Cessnock]] - [[Ibrox]] - [[Baile a' Ghobhainn]] - ''(fon Abhainn Chluaidh)'' - Pàrtaig. 'S e [[Strathclyde Partnership for Transport]] (SPT) a tha ag obrachadh na rèile.
 
=== Rathaidean ===
Line 79 ⟶ 80:
[[Faidhle:Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.jpg|thumb|right|Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu]]
Tha trì oilthighean ann an Glaschu:
* [[Oilthigh Ghlaschu]], stèidhichte ann an 1451; an dàrna oilthigh as sine ann an Alba;
* [[Oilthigh Srath Chluaidh]], stèidhichte ann an 1796 mar "''Andersonian Institute''";
* [[Oilthigh Chailleannach Ghlaschu]], stèidhichte ann an 1993 mar choimeasgadh de Ghlasgow Polytechnic agus Colaisde na Banrighinn.
 
A bharrachd air sin tha [[Oilthigh na h-Alba an Iar]] ann am [[Pàislig]], dìreach 7 mìle bho mheadhan Ghlaschu. Cuideachd, tha seachd colaisdean [[foghlam adhartach|fhoghlaim adhartaich]] anns a' bhaile: [[Colaisde Fhearann Anna]], [[Colaisde Chair Dhòmhnaill]], [[Colaisde Bhaile Ghlaschu]], [[Colaisde Stow]] (a tha a' tairgsinn cùrsaichean Ghàidhlig), [[Colaisde Ghlaschu a Tuath]], [[Colaisde John Wheatley]] agus [[Colaisde a' Thaobh Fhada]]. Mar sin, tha 168,000 oileanach anns a bhaile, àireamh as motha ann an Alba.<sup>''[fianais a dhìth]''</sup>
Line 101 ⟶ 102:
 
== Daoine ainmeil ==
* [[Thomas Graham]] (1805–1869), [[ceimigear]].
* [[Sir William Ramsay]] (1852–1916), ceimigear.
* [[Charles Rennie Mackintosh]] (1868-1928), neach-ealain.
* [[Lord Alexander R. Todd]] (1907–1997), ceimigear.
* [[Edwin Morgan]] (1920–2010), [[bàrd]].
* [[Jimmy Reid]] (1932–2010), ball [[Aonadh-ciùird|aonaidhean-ciùird]] .
* [[Stuart Christie]] ([[1946]]), sgrìobhadair.
* [[Donovan]] (r. 1947), ceòladair.
* [[Annabel Goldie]] (r. 1950), tè-phoileataigs.
* [[Rosanna Choineagan]] (r. 1951), tè-phoileataigs.
* [[Brus Crawford]] (r. 1955), fear-poileataigs.
* [[Linda Fabiani]] (r. 1956), tè-phoileataigs.
* [[Fearghus Ewing]] (r. 1957), fear-poileataigs.
* [[Criosaidh Dick]] (r. 1934), bana-sgrìobhadair Gàidhlig.
 
== Bailtean co-cheangailte ==
* [[Faidhle:Flag of Spain.svg|22px]] [[Barcelona]], (An Spàinn)
* [[Faidhle:Flag of Palestine.svg|22px]] [[Bethlehem]] (Palastain, o 2007)
* [[Faidhle:Flag of China.svg|22px]] [[Dalian]] (Sìona, o 1997)