An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Katherine Johnson"

Content deleted Content added
Chaidh duilleag le "{{Bogsa eachdraidh-bheatha}} B' e matamataigear às na Stàitean Aonaichte a bha an sàs ann am prògram fànas NASA a bha ann an '''Katherine Johnson'''...." a chruthachadh
 
IV&V
 
Loidhne 4:
Rugadh i ann an [[White Sulphur Springs]], baile beag faisg air [[Charleston]], Virginia an Iar, ann an 1918. Bha i na h-oileanach aig Colaiste Stàite Virginia an Iar air sgàth 's gun do dh'imrich a pàrantan o Shiorrachd Ghreenbrier, far nach robh foghlam airson Ameireaganach Afraganach as dèidh aois 12. Dh'obair i mar thidsear agus mar bhean-taighe mus do thoisich i aig Ionad Rannsachaidh Langley mar mhatamataigear. Aig an àm sin, bha an t-ionad sgarta le goireasan eadar-dhealaichte airson daoine dubha gu ruige 1958 nuair a chaidh an t-ionad pàirt de NASA.
 
Bha i an sàs anns a' chiad reul-chuairt le [[John Glenn]] ann an 1962, ann an landadh air a' Ghealaich ann an 1969 agus cuideachd anns an turas [[Apollo 13]] is dh'obair i air an spàl-fànais. Leig i a dreuchd dhi ann an 1986 is chaochail i [[24 an Gearran|24 Gearran]] 2020.<ref name="guardian">{{iomradh naidheachd | url = https://www.theguardian.com/science/2020/feb/24/katherine-johnson-obituary | tiotal = Katherine Johnson obituary | ainm= Nigel | sloinneadh = Johnson | foillsichear = The Guardian | ceann-là = 2020-02-24 | ceann-là_inntrigidh = 2020-02-25 }}</ref>
 
== Urraman ==
Bhuannaich i am Bonn Saorsa a' Chinn-suidhe ann an 2015 agus thug Oilthigh Stàite Virginia an Iar dhi urras le sgoilearachas. Riochdaich [[Taraji P. Henson]] anns an fhilm ''Hidden Figures'' (2016, 'Figearan Falaichte') i.<ref name="guardian"/>
Chaidh an Katherine Johnson IV&V Facility, a tha a' dearbhadh bathair-bog airson iteil anns an fhànais, ainmicheadh oirre.<ref>{{iomradh lìon | url = https://www.nasa.gov/content/ivv-facility-renaming | tiotal = IV&V Facility Renaming | foillsichear = NASA | ceann-là = 2019-11-12 | ceann-là_inntrigidh = 2020-02-23 }}</ref>
 
== Iomraidhean ==