An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Han Hollander"

Content deleted Content added
No edit summary
Loidhne 6:
 
==Hitler==
Chaidh Hollander gu [[Berlin]] airson a bhith a' toirt aithris rèidio air na gèamaichean Oilimpigeach. Fhuair e cothrom obair nan Nàsach fhaicinn. An ceann ceithir bliadhna, ann an [[1940]], thug [[A' Ghearmailt]] ionnsaigh air Na Tìrean Ìsle.<ref>[http://www.waroverholland.nl/ War over Holland]</ref> Mhair an còmhstri dìreach còig latha, mus do mhill na Nàsaich [[Rotterdam]].<ref>Hooton, Edward (2007), Luftwaffe at War; Blitzkrieg in the West, London: Chervron/Ian Allan, ISBN 978-1-85780-272-6</ref> Theich an teaghlach rìoghail thall thairis agus ghèill an t-arm. Thoisich fasgadh nan Iùdhach ann an [[1941]], a dh'aindeoin stailc nan aghaidh. Bha an [[eaglais]] [[Caitligeach]] agus na h-[[Aonadh-ciùird|aonaidhean-ciùird]] an aghaidh na bha na Nàsach a' dèanamh ach thug am [[poileas]] taic dhan nàmhaid: chaidh campa a stèidheachadh ann an [[Westerbork]] ann an [[1942]] agus fear eile ann an [[Amersfoort]] agus [[Vught]]. Chaill na h-Iùdhaich an dreuchd ann an 1940. Chuireadh an teaghlach Hollander tro champa ann an Westerbork ann an [[1943]]. Bhàsaich a nighean Froukje sa champa [[Campa-dùmhlachaidh Auschwitz|Auschwitz]] thall sa [[A' Phòlainn|Phòlainn]] air [[28 an Gearran]] 1943 agus chaochail Han Hollander agus a bhean Leentje sa Champa Sobibór, air [[9 an t-Iuchar]] 1943.<ref name="joodsmonument">{{iomradh lìon | tiotal = Hartog Hollander | url = http://www.joodsmonument.nl/person/400300/nl | foillsichear = Joodsmonument | ceann-là_inntrigidh = 2018-07-09}}</ref>
 
==Iomraidhean==