An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Stefán Jóhann Stefánsson"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[neach-lagha]], [[neach-poileataigs]] agus [[riochdaire dioplòmasach]] à [[Innis Tìle]] a bh' ann an '''Stefán Jóhann Stefánsson'''.<ref>[https://www.althingi.is/altext/cv/is/?nfaerslunr=547 Alþingi]</ref> Rugadh e air [[20 an t-Iuchar]] [[1894]] ann an croit air a bheil Dagverðareyri ([[Norðurland eystra]]). Fhuair e a chuid [[Foghlam|foghlaim]] aig [[Menntaskólinn í Reykjavík]] agus [[Oilthigh Innis Tìle]]. Chaidh a thaghadh dhan [[Alþingi]] airson a' chiad turais ann an [[1934]] agus bha e a' chiad Mhinistear nan Dùthchannan Cèin a fhuair Innis Tìle a-riamh. Bha e na ''[[Prìomh-mhinistear Innise Tìle|fhorsætisráðherra]]'' ([[Gàidhlig]]: [[Prìomh-mhinistear]]) bho [[1947]] gu ruige [[1949]] às leth [[Alþýðuflokkurinn]] (Gàidhlig: ''Am Pàrtaidh Deamocratach Sòisealta''), ann an co-bhann le [[Framsóknarflokkurinn]] agus [[Sjálfstæðisflokkurinn]]. Phòs e aig Helga Björnsdóttir ann an [[1927]] agus fhuair iad triùir [[ClannPàiste|chloinne]] còmhla.<ref>[https://timarit.is/page/3570995#page/n8/mode/2up Íslendingaþættir Tímans]</ref> Chuir e seachad 8 bliadhna na [[tosgair|thosgair]] thall san [[An Danmhairg|Danmhairg]], bho [[1957]] gu ruige [[1965]].<ref>[http://denstoredanske.dk/Geografi_og_historie/Island/Island,_samfund_og_historie/Stef%C3%A1n_J%C3%B3hann_Stef%C3%A1nsson Den Store Danske]</ref> Chaochail Stefánsson ann an [[Reykjavík]] air [[20 an Dàmhair]] [[1980]].
 
==Caibineit Stefánsson==