An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Guðni Thorlacius Jóhannesson"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
'S e [[eachdraiche]], [[eadar-theangair]], [[neach-teagaisg oilthigh]], [[sgrìobhadair]] agus [[neach-poileataigs]] à [[Innis Tìle]] a th' ann an '''Guðni Thorlacius Jóhannesson''' (ˈkʏðnɪ ˈtʰɔrlaˌsiːjʏs ˈjouːhanːɛsˌsɔn).<ref>[http://gudnith.is/en/front_page Guðni]</ref> Rugadh e air [[26 an t-Ògmhios]] [[1968]] ann an [[Reykjavík]] ach thogadh e ann an [[Garðabær]]. Fhuair Jóhannesson a chuid [[Foghlam|foghlaim]] [[sgoil|sgoile]] aig [[Menntaskólinn í Reykjavík]] agus an uair sin thug e ceum ann an [[Saidheans Poileataigeach]] bho [[Oilthigh Warwick]] ([[1991]]) agus an uair sin rinn ie MA ann an [[Eachdraidh]] bho [[Oilthigh Innis Tìle]] ([[1997]]).<ref>[https://www.mbl.is/frettir/innlent/2016/05/03/hver_er_thessi_gudni_th/ Morgunblaðið]</ref> Fhuair e MSt bho [[Oilthigh Oxford]] agus [[dotaireachd]] bho [[Oilthigh na Banrighe Màiri Lunnainn]] ([[2003]]). Phòs e aig Elín Haraldsdóttir ann an [[1995]] agus fhuair iad nighean. Dhealaichte iad ann an [[1996]].<ref>[https://iop.harvard.edu/forum/lessons-iceland-nation-striving-punch-above-its-weight-globalized-world Harvard University]</ref> Ann an [[2004]] phòs e a-rithist, an turas seo aig Eliza Reid. Tha ceathrar [[Clann| chloinne]] aca. Chuir Jóhannesson [[bliadhna|bliadhnaichean]] a' teagasg [[eachdraidh]] ann an iomadh [[oilthigh]] ann Innis Tìle agus thall thairis: [[Oilthigh Lunnainn]], [[Oilthigh Reykjavík]], [[Oilthigh Bifröst]] agus [[Oilthigh Innis Tìle]], far an robh e na [[ollamh]].<ref>[https://ugla.hi.is/pub/hi/simaskra/cv/c8861dcbb1a1.pdf UGLA]</ref> A bharrachd air sin tha còig [[cànan|cànain]] aige cuideachd: [[Innis-Tìlis]], [[Beurla]], [[Danmhairgis]], [[Nirribhis]], [[Ruisis]] agus [[Gearmailtis]]. Eadar [[2011]] agus [[2015]] bha e na chathraiche Sögufélag ([[Gàidhlig]]: Comman Eachdraidh Innise Tìle).<ref>[https://sogufelag.is/um-sogufelag Sögufélag]</ref> Chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe ann an [[2016]].
 
==Taghaidh dhan Cheannas==