An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Björn Jónsson"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
 
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[neach-lagha]], agus [[neach-poileataigs]] à [[Innis Tìle]] a bh' ann am '''Björn Jónsson'''.<ref>[https://www.althingi.is/altext/cv/is/?nfaerslunr=83 Alþingi]</ref> Rugadh e air [[8 an Dàmhair]] [[1846]] ann an [[croit air a bheil Djúpidalur]] ([[Vestfirðir]]). Fhuair e a chuid [[Foghlam|foghlaim]] aig [[Menntaskólinn í Reykjavík]] agus [[Oilthigh Copenhagen]]. Chaidh a thaghadh dhan [[Alþingi]] airson a' chiad turais ann an [[1878]] agus bha e na labhraiche ann an [[1909]]. Bha e na ''[[Prìomh-mhinistear Innise Tìle|Ráðherra Íslands]]'' ([[Gàidhlig]]: [[Prìomh-mhinistear]]) bho [[1909]] gu ruige [[1911]] às leth [[Sjálfstæðisflokkurinn (eachdraidheil)|Sjálfstæðisflokkurinn]] (Gàidhlig: ''Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd''). Phòs e aig Elísabet Guðný Sveinsdóttir ann an [[1874]] agus fhuair iad ceathrar duine cloinne còmhla.<ref>[https://timarit.is/page/2421973#page/n1/mode/2up Íslendingaþrættir]</ref> Rinn e aon rud fa leth cudromach fhad 's a bha e os cionn an [[riaghaltas|riaghaltais]]: Achd Toirmeasg [[Alcol|Dighe-làidir]], a mhair gu ruige [[1934]]. Dheasaicheadh e iomadh [[pàipear-naidheachd]] fad bliadhnaichean: ''Skírnir'' ([[1873]] – [[1874]]), ''Ísafold'' ([[1874]] – 1909), ''Alþingistíðindi'' ([[1879]] agus [[1883]] – [[1895]]), ''Iðunn'' ([[1884]] – [[1889]]), ''Þingvallafundartíðindi'' ([[1888]]), ''Heimilisblaðið'' ([[1894]] – [[1896]]), ''Sunnanfari'' ([[1900]] – [[1903]]), ''Magni'' ([[1912]]). Bu cho dlùth an dàimh a bh' ann eadar Jónsson agus pàipear-naidheachd ''Ísafold'' gun cuireadh na far-ainmean ''Björn í Ísafold'' agus ''Ísafoldar-Björn'' airsan.<ref>«Jónsson, Bjørn», ''Arbeidernes leksikon'' bind IV, Arbeidermagasinets forlag (1934)</ref> B' e a [[mac|mhac]] ''[[Sveinn Björnsson]]'' a bh' ann a' chiad cheann-suidhe na [[dùthaich|dùthcha]] ann an [[1944]], nuair a ghabh Innis Tìle leis [[Poblachd|a' Phoblachd]]. Chaochail Jónsson ann an [[Reykjavík]] air [[24 an t-Samhain]] [[1912]].<ref>[https://timarit.is/page/3950477#page/n0/mode/2up Tölublaðið]</ref>
==Caibineit Jónsson==