An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Carlos Holguín Mallarino"

Content deleted Content added
b corr using AWB
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B’ e [[saighdear]], fear-[[lagh|lagha]] agus, [[neach-poileataigs]] agus [[riochdaire dioplòmasach]] à [[Coloimbia]] a bh’ ann an Tomás '''Carlos Holguín Mallarino''' ([[Nóvita (Chocó)|Nóvita]], [[11 an t-Iuchar]] [[1832]] – [[Bogotá]], [[19 an Dàmhair]] [[1894]]).<ref>[http://www.banrepcultural.org/node/123380 Banrepcultural]</ref> Bha e na cheann-suidhe [[Coloimbia|Choloimbia]] eadar [[7 an Lùnastal]] [[1888]] agus [[7 an Lùnastal]] [[1892]]. Buineadh Holguín do [[Teaghlach|theaghlach]] [[Uachdaran]] [[Chocó (Roinn)|Chocó]], air an àirde an iar na dùthcha ri taobh [[Cuan Sèimh|a’ Chuain Shèimh]]. Bha a [[Bràthair|bhràthair]], [[Jorge Holguín Jaramillo]], na cheann-suidhe agus bràthair-màthar, [[Manuel María Mallarino]], cuideachd.<ref>[http://www.banrepcultural.org/node/123958 Banrepcultural]</ref> Phòs e aig Margarita Caro Tovar.<ref>Gobernantes Colombianos, Ignacio Arismendi Posada, Interprint Editors Ltd., Italgraf, Segunda Edición, Bogotá, [[1983]] </ref> B’ e piuthar [[Miguel Antonio Caro Tovar]], ceann-suidhe cuideachd, a bh’ innte. Lean Caro Tovar e san dreuchd. Phòs a nighean Clemencia aig [[Roberto Urdaneta Arbeláez]] ann an [[1917]].<ref>[http://www.geni.com/people/Clemencia-Holgu%C3%ADn-y-Caro/6000000000674269949 Geni]</ref>
 
Chaidh e dhan [[Arm]] an dèidh an oilthigh agus bha e an lùib iomairtean an aghaidh an [[deachdaire]] [[José María Melo]] ann an [[1854]] a chuir crìoch air an Riaghaltas,<ref>Sala de Touron, "Democracia en America Latina: liberales, radicales y artesanos a mediados del siglo XIX," Secuencia 61, [[2005]]</ref> agus an uair sin an aghaigh [[Tomás Cipriano de Mosquera]] ann an [[1863]]. Mu dheireadh thall bha e an sàs ar-a-mach an aghaidh [[Aquileo Parra Gómez]] ann an [[1975]] cuideachd. B’ e smuaintean agus dòighean ùra a dheidheadh an aghaidh nan [[Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia|Tòraidh]] a shabaideadh e a-riamh.