An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Alberto Lleras Camargo"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[neach-aithris]] agus, [[neach-poileataigs]] agus [[riochdaire dioplòmasach]] à [[Coloimbia]] a bh’ ann an '''Alberto Lleras Camargo''' ([[Bogotá]], [[3 an t-Iuchar]] [[1906]] – ibidem, [[4 am Faoilleach]] [[1990]]).<ref>[http://www.colombia.com/colombia-info/historia-de-colombia/presidentes-de-colombia/alberto-lleras-camargo/ Colombia]</ref> Bha e na cheann-suidhe na [[dùthaich|dùthcha]] dà thuras ann am meadhan na [[20mh Linn]]. Phòs e aig Bertha Puga Martínez às [[An t-Sile]] ann an [[1931]] agus rug i ceathrar duine-cloinne dha.<ref>[http://www.geni.com/people/Bertha-Puga-Mart%C3%ADnez/6000000006019000012 Geni]</ref> B’ e boireannach uabhasach cumhachdail a bh’ innte, o chionns gu robh a h-[[athair]] na [[deachdaire|dheachdaire]] thall san dùthaich aige. Bha Lleras Camargo anns na [[ogha|oghaichean]] le [[Carlos Lleras Restrepo]], a bha na cheann-suidhe cuideachd, eadar [[1966]] agus [[1970]].
 
‘S e ball [[Pàrtaidh Libearalach Choloimbia|a’ Phàrtaidh Libearalaich Choloimbia]] a th’ ann an Lleras Camargo agus bha e an lùib poileataigs aig àrd ìre fad a bheatha. Thoisich e mar bhall-pàrlamaid ann an [[1931]] agus an ceann seachd bliadhna stèidhich e [[pàipear-naidheachd]] air an robh ''El Liberal'',<ref>Publicaciones Periódicas en Antioquia 1814-1960: Del Chibalete a la Rotativa. María Cristina de Arango.</ref> air sàilleabh gu robh e an lùib gluasad poileataigeach air an robh ''Revolución en Marcha'' ([[Gàidhlig]]: Ar-a-mach air an t-Slighe) agus e gu math dlùth air [[Alfonso López Pumarejo]]. B' e prìomh-amas a' phàipeir Pumarejo a thaghadh. Bha e na cheann-suidhe dà thuras, bho [[1945]] gu ruige [[1946]] (gu h-eadar-amail)<ref>[http://www.eltiempo.com/archivo/documento/MAM-29286 El Tiempo]</ref> nuair a leig López Pumarejo a dhreuchd agus an uair sin bho [[1958]] gu ruige [[1962]]. Thug e piseach air an [[eaconomaidh]] agus dh'aontaich e an dùthaich - agus an dà phàrtaigh - an dèidh bliadhnaichean na deachdaireachd. Bhris e dàimhean dioplòmasach ri [[Cuba]].<ref>[http://www.lac.ox.ac.uk/alberto-lleras-camargo-and-john-f-kennedy-alliance-progress-cuba-and-cold-war LAC]</ref>