An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "William Henry Harrison"

Content deleted Content added
tuama
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
 
B' e an naoidheamh [[Cinn-suidhe nan Stàitean Aonaichte|ceann-suidhe nan Stàitean Aonaichte]] ([[4 am Màrt]], [[1841]]–[[4 an Giblean]], 1841) agus [[riochdaire dioplòmasach]] a bha ann an '''William Henry Harrison''' ([[9 an Gearran]], [[1773]]–4 an Giblean, 1841). Cha robh e fada san obair seo - chaochail e as dèidh 32 làithean, agus mar sin, 's e sin an teirm as giorra aig ceann-suidhe Aimeireaganach sam bith. Rugadh e ann am planntachadh anns a' choileanaidh Virginia is b' e riaghladair a bha ann athair.
 
Chaidh e san arm is shabaid e an aghaidh nan tùsanach. Chaidh e na riaghladair Ranntair nan Innseanach ann an 1800 is e a' dèanamh cùmhnantan leth-bhreitheach leis na tùsanaich. Fhuair e far-ainm "Old Tip" nuair a thug e buaidh air cho-bhann tùsanach aig Blàr Old Tippecanoe ann an 1811. Ann am blàr an aghaidh nam Breatannach is nan tùsanach ann an 1813 chaochail [[Tecumseh]] is chaidh Harrison na ghaisgeach nàiseanta.