An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Gunnar Thoroddsen"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e [[neach-lagha]], [[riochdaire dioplòmasach]] agus [[neach-poileataigs]] à [[Innis Tìle]] a bh' ann an '''Gunnar Thoroddsen''' ([[IPA]]: ''ˈɡʏnːar ˈtʰoːurɔtˌsɛn'').<ref>[https://www.althingi.is/altext/cv/is/?nfaerslunr=212 Alþingi]</ref> Rugadh e air [[29 an Dùbhlachd]] [[1910]] ann an [[Reykjavík]]. Fhuair e a chuid [[Foghlam|foghlaim]] aig [[Menntaskólinn í Reykjavík]] agus [[Oilthigh Innis Tìle]]. Chaidh a thaghadh dhan [[Alþingi]] airson a' chiad turais ann an [[1934]] nuair a bha e dìreach 23 bliadhna a dh'aois, am fear na b'òige a chaidh a thaghadh dhan Alþingi a-riamh. Fhuair e trì ministrealachd (maoineachas, socharan sòisealta agus malairt) mus robh e na ''[[Prìomh-mhinistear Innise Tìle|fhorsætisráðherra]]'' ([[Gàidhlig]]: [[Prìomh-mhinistear]]) bho [[1980]] gu ruige [[1983]] às leth [[Sjálfstæðisflokkurinn]] (Gàidhlig: ''Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd'').<ref>[https://www.stjornarradid.is/efst-a-baugi/frettir/stok-frett/1980/02/08/Raduneyti-Gunnars-Thoroddsens/ Stjórnarraðið]</ref> Phòs e aig Vala Ásgeirsdóttir - nighean [[Ásgeir Ásgeirsson]] - ann an [[1941]] agus fhuair iad ceathrar duine cloinne còmhla.<ref>[https://www.mbl.is/greinasafn/grein/1008094/ Morgunblaðið]</ref> Bha e cuideachd na [[Tosgair|thosgair]] thall san [[An Danmhairg|Danmhairg]], bho [[1965]] gu ruige [[1969]]. Sheas e airson ceann-suidhe na dùthcha ann an [[1968]] ach cha deach a thaghadh, leis nach d' fhuair e ach 35,428 bhòtaichean (34.4%).<ref>Dieter Nohlen & Philip Stöver (2010) ''Elections in Europe: A data handbook'', p962 ISBN 9783832956097</ref> Chaochail Thoroddsen ann an Reykjavík air [[25 an t-Sultain]] 1983.
 
==Caibineit Thoroddsen==