An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Deamocrasaidh sòisealta"

Content deleted Content added
No edit summary
No edit summary
Loidhne 1:
{{Beachd-smuainealas
| AINM = Deamocrasaidh sòisealta
| DEALBH = Anarchist_flag.svg
| LUCHD-STÈIDHICHIDH =[[Mikhail Bakunin]] [[Karl Marx]]
| BEACHDAN =
| CEANNARDAN =
| LINN = [[19mh Linn]], [[20mh Linn]]
| BUIDHNEAN =[[Besti flokkurinn]]
| DÙTHCHANNAN =
}}
'S e [[feallsanachd]] phoiliteagach na làimhe chlì 's a th' ann '''deamocrasaidh sòisealta'''. Chaidh a chuir air bhog aig deireadh na [[19mh linn]]. An toiseach, thàinig taic airson deamocrasaidh sòisealta bho dhaoine a bha gu làidir airson [[Marxachas]] agus bha a' chiad phàrtaidhean sòisealta-deamocratach a' toirt a-steach sòisealaich rèabhlaideach ([[Rosa Luxemburg]], [[Karl Liebknecht]], [[Clara Zetkin]] agus [[Vladimir Lenin]]), a bharrachd air sòisealaich meadhanach ([[Eduard Bernstein]] agus [[Karl Kautsky]]). Às deidh an [[Dàrna Cogadh|Dàrna Cogaidh]] agus Ar-a-mach na Ruise ann an [[1917]], bha deamocrasaidh sòisealta co-cheangailte, a-mhàin, ri cruth meadhanach agus neo-reabhlaideach de [[sòisealachd|shòisealachd]], eadar-dhealaichte bho fheallsanachdan chlì eile, mar [[co-mhaoineas|chomannachd]]. 'S ann air ath-leasachadh reachdail mean air mhean air an t-siostam [[calpachas|calpachais]], leis an amas an siostam seo a dhèanamh nas cothromaiche agus nas daonna. a bhios deamocrasaidh sòisealta a' cur cuideam an latha an-diugh. Tha an teagasg sòisealta-deamocratach ri fhaighinn farsaing air an t-saoghal an-diugh, oir tha e ann am mòran [[Dùthaich|dhùthchannan, gu sònraichte san [[Roinn Eòrpa]], am feachd as cumhachdaiche.