An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Björt framtíð"

Content deleted Content added
Loidhne 16:
 
==Eachdraidh==
Chaidh Guðmundur Steingrímsson a thaghadh mar thagraiche airson a' Phàrtaidh AdhartaisFramsóknarflokkurinn anns an Alþingi, ach dh' fhàg e am pàrtaidh sin air sàilleabh dhiofaran mun Aonadh Eòrpach. Ann an 2012 stèidhich esan Björt framtíð còmhla ri [[Besti flokkurinn]] (Pàrtaidh as Fheàrr), a bha soirbheachail air ìre ionadail ann an [[Reykjavík]] fhèin, agus aig an robh na h-aon litrichean tòiseachaidh le BF. Chaidh am pàrtaidh ùr a stèidheachadh airson pàirt a ghabhail ann an taghadh coitcheann Innise Tìle ann an [[2013]].
 
Anns an taghadh coitcheann sa bhlaidhna sin, fhuair am pàrtaidh 8.2% nam bhòtaichean agus ghluais iad a-steach dhan Alþingi le sianar riochairean. Anns an taghadh tràth ann an [[2016]], fhuair Björt framtíð 7.2% den bhòt, leis an robh am pàrtaidh fhathast a' cumail ceithir seataichean anns an Alþingi. Bho [[2017]], bha iad an sàs ann an riaghaltas co-bhanntachd anns an robh [[Sjálfstæðisflokkurinn|Pàrtaidh na Neo-eisimeileachd]], [[Viðreisn]] agus Björt framtíð fhèin. Bhuineadh dà àite ann an caibineat [[Bjarni Benediktsson|Bhjarni Bhenediktsson]] do [[Óttarr Proppé]] ([[slàinte]]) agus [[Björt Ólafsdóttir]] ([[àrainneachd]] agus goireasan nàdurrach), an dithis nan riochdaire Bhjört framtíð.