An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Rafael Núñez Moledo"

Content deleted Content added
b corr using AWB
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B’ e fear-[[lagh|neach-lagha]] agus [[neach-poileataigs]] à [[Coloimbia]] a bh’ ann an '''Rafael Wenceslao Nuñez Moledo''' ([[Cartagena de Indias]], [[28 an t-Sultain]] [[1825]] – Ibidem, [[18 an t-Sultain]] [[1894]]).<ref>[http://wsp.presidencia.gov.co/asiescolombia/presidentes/euc_27.html Presidencia de Colombia]</ref> Bha e na cheann-suidhe na [[dùthaich|dùthcha]] ceithir turas airson dà phàrtaigh. B’ e balach gu math lag bochd a bh’ ann ach a dh’aindeoin sin, bha e na [[saighdear]] ann an [[Cogadh nan Àrdanach]] ann an [[1840]] nuair a bha e dìreach 14 bliadhna a dh’aois.  Bha e na fhear-aithris fad iomadh bliadhna an dèidh an oilthigh fhàgail. Phòs e aig María de los Dolores Gallegos Martínez ann an [[1831]] air adhbharan sòisealta agus rug i dithis duine-cloinne dha. Dhealaich iad agus chaidh e thall thairis.<ref>[http://www.banrepcultural.org/blaavirtual/biografias/rafael-nunez Banrepcultural]</ref> Phòs e a-rithist, an turas sin aig Soledad Román Polanco, à Cartagena de Indias. B’ e boireannaich gu math ainmeil a bh’ annta, agus bha Román Polanco gu math cumhachdail.<ref>Lemaitre, Daniel (1988). «Prólogo». Soledad Román de Núñez: Recuerdos (3 edición). Bogotá: Canal Ramírez Antares.</ref> Thug na sgrìobh Spencer buaidh mhòr airsan.
 
Bha e na cheann-suidhe nan [[Stàitean Aonaichte Choloimbia]] dà thuras, bho [[8 an Giblean]] [[1880]] gu ruige [[1 an Giblean]] [[1882]] agus an uair sin bho [[11 an Lùnastal]] [[1884]] gu ruige [[1 an Giblean]] [[1886]], nuair a bha co-labhairt reachdail ann, a dh' atharraich cruth na stàite. B' e an feallsanachd phoileataigeach aigesan a bha air cùl gnothaich.<ref>[http://www.jorgeorlandomelo.com/nunez.htm Jorge Orlando Melo]</ref> Bha e na cheann-suidhe [[Coloimbia|Choloimbia]] eadar  [[4 an Giblean]]  [[1887]] agus [[7 an Lùnastal]] [[1892]], agus an uair sin bho [[29 an t-Sultain]] [[1886]]  gus a chaochail e ann an 1894. Leig e dìleab mòr an dà chuid do [[Coloimbia|Choloimbia]] agus tha aodainn a’ nochdadh air an airgead an siud.