An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Friedrich Engels"

Content deleted Content added
leasachadh
obraichean
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
B' e feallsanaiche poileataigeach a bh' ann an '''Friedrich Engels''' ([[IPA]]: ''fʁiːdʁɪç ˈɛŋəls'', [[Barmen]], [[28 an t-Samhain]] [[1820]]–[[5 an Lùnastal]] [[1895]]). Bha e gu mòr an sàs ann an [[ComunnachasCo-mhaoineas]]. Sgrìobh e [[am Manifesto CommanachComannach]] le charaid, [[Karl Marx]].
 
Rugadh e ann am Barmen faisg air [[Wuppertal]] ann an teaghlach beairteach. Bha earrannan ann am factaraidh ann am [[Manchester]] aig athair is thoisich e ann an gnothachas nuair nach robh e a dh'aois 17. Bha e an sàs ann am poileataigs agus sgrìobh e ''Litrichean bho Wuppertal'' ann an 1839 le ainm-brèige Friedrich Oswald.
 
Dh'imrich e gu Manchester ann an 1842 is e ag obair ann an gnothachas teaghlaich. Sgrìobh e aistean airson Karl Marx agus dh'fhoillsich e ''Die Lage der arbeitenden Klasse in England'' ('Staid a' Chlas-obrach ann an Sasainn') ann an 1845. Dh'imrich e gu [[A' Bhruiseal]] còmhla Marx ach thill iad gu Sasainn an dèidh nan [[Aramachan 1848|Aramach 1848]]. Chuir Engels taic do Mharx, a bha ann an Lunnainn is Engels ag obair airson gnìomhachas teaghlaich ann am Manchester. An dèidh do Mharx a bhàsachadh chuir Engels crìoch air ''Das Kapital'' ('Calpa'). Chaochail e ann an Lunnainn ann an 1895.<ref>{{iomradh iris | url = https://ajph.aphapublications.org/doi/10.2105/AJPH.93.8.1248 | doi = 10.2105/AJPH.93.8.1248 | ceann-là = 2003 | sloinneadh = Brown | ainm = Theodore M. | ùghdar_eile = Fee, Elizabeth | tiotal = Friedrich Engels: Businessman and Revolutionary | iris = American Journal of Public Health | leabhar = 93 | duilleagan = 1248–1249 }}</ref>
 
== Obraichean ==
* ''Litrichean bho Wuppertal'' (1839)
* ''Die Lage der arbeitenden Klasse in England'' ('Staid a' Chlas-obrach ann an Sasainn', 1845)
* le Karl Marx, ''An Teaghlach Naomh'' (1845)
* le Karl Marx, ''Am Beachd-smuainealas Gearmailtich'' (1846)
* le Karl Marx, ''Am Manifesto Comannach'' (1848)
* ''An Aghaidh Düring: Aramach Herr Eugen Dühring ann an Saidhean'' (1878)
* ''Sòisealas: Utopiach agus Saidheansail'' (1880)
 
 
== Engels agus Alba ==