An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Akranes"

Content deleted Content added
No edit summary
 
Loidhne 21:
 
==Eachdraidh==
Chaidh Akranes a chlàradh airson a'chiad turais anns 15mh caibideil dhen [[Landnámabók]] anns an [[9mh linn]], nuair a ràinig fear air an robh Þormóður ([[Gàidhlig]]: Tormod) à [[Èirinn]].<ref>[https://www.snerpa.is/net/snorri/landnama.htm Snerpa]</ref> Anns na meadhan-aoisean suas gu [[1602]] bha ionad-malairt aig an Hansa anns a' Bhàgh Krossvík.<ref>Íslandshandbókin. Náttúra, saga og sérkenni. 1. bindi. Hg. T. Einarsson, H. Magnússon. Örn og Örlygur, Reykjavík 1989, 100</ref> Anns an 19mh linn, thòisich tuineachaidhean bailteil a' tighinn timcheall air seòladh mara agus a' malairt air rubha na luinge an ear air an rubha. Ann an [[1885]], chaidh co-dhùnadh an Akraneshreppi a roinn ann an dà leth air sgàth ùidhean eadar-dhealaichte sgìrean bailteil agus dùthchail. Thàinig e gu bhith na bhaile làn bhùthan airson na sgìre air fad. Fhuair amAkranes a chuid chòirichean ann an [[1942]]. Tha taigh-gnìomhachais [[saimeant]] anns a' bhaile, a tha air a bhith ag obair o na [[60an]] agus ann an Grundartangi astar goirid bhon bhaile tha leaghadair a tha air a bhith ag obair bho [[1998]]. Chaidh an [[tunail]] Hvalfjarðar (Innis Tìlis: ''Hvalfjarðargöngin'') a stèidheachadh ann an 1998, a tha na phrìomh dhòigh còmhdhail airson Akranes agus ghiorraich e gu mòr an t-slighe gu Reykjavik.
 
==Freumh-fhaclachd==