An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Cogadh Sìobhalta na Spàinne"

Content deleted Content added
b corr using AWB
No edit summary
Loidhne 41:
Chaidh buirbe is uamhas a dheànamh leis a h-uile buidheann a bha an sàs sa chogadh.<ref>Bolinaga, Iñigo: Breve Historia de la Guerra Civil española, Nowtilus, 2009, ISBN-13:978-84-9763-660-5</ref> Rinneadh [[murt]] is sgrios fuilteach gu siostamataigeach air na daoine anns na [[Sgìre|sgìrean]] a bha fo bhuaidh nam feachdan aig Franco gus an rèisim ùr a bhonntachadh. Thachair murt na bu lugha san talamh fo smachd na Poblachd, ann am bitheantas an cois bristeadh sìos an lagha anns a’ chiad dol a-mach an dèidh an [[Rèabhlaid]] fhèin. Dh’atharrachadh cho deònach ‘s a bha ùghdarrasan na Poblachd a bhith a ghabhail ris a’ mhurt sin bho àite gu àite.<ref>Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1</ref> ‘S e bha cogadh bruideil fuilteach dìoghrasach a bh’ann co-dhiù. Chaidh na mìltean dhe daoine àbhaisteach a mharbadh air sgàth na [[Creideamh|creideamhan]] neo na beachdan poiliteagach aca, fiù’s an dèidh crìoch a’ chogaidh ann an [[1939]], ri linn tòrachd nan Nàiseantaich air na Poblachdaich, is iad dìreach air an cogadh a chall.
 
Thàinig an cogadh gu crìoch nuair a bhuannaich na Nàiseantaich is b’ fheudar do na mìltean dhe daoine na làimhe clì a dh’fhalbh thall thairis nam fògarraich.<ref>Beevor, Antony (1982, 2006). The Battle for Spain: The Spanish Civil War 1936–1939. London: Weidenfield and Nicolson. ISBN 0-297-84832-1</ref> Theich mòran dhuibh gu ruige nan campaichean san cheann a deas na Frainge.<ref>[http://tel.archives-ouvertes.fr/tel-00362523/fr/ Archives Ouvertes]</ref> Stèidhich an Seanailear Franco [[Deachdaire]]achd an dèidh a’ chogaidh, is dh’aontachadh gach uile [[Pàrtaidhpartaidh phoileatagachpoileatagach]] na làimhe deise am broinn structar na Stàite ùire.
 
B' e [[Tomás Patten]] ([[Dumha Éige]] [[1910]] - [[Boadilla del Monte]] [[1936]]) a bh' ann a' chiad [[Gàidheal|Ghàidheal]] a chaill a bheatha sa chogadh siud.