An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Lluís Companys i Jover"

Content deleted Content added
smachd ùghdarrais is r-s ùr
No edit summary
Loidhne 1:
{{Bogsa eachdraidh-bheatha}}
 
B’ e '''Lluís Companys i Jover''' ([[IPA]]: '''ʎuˈis kumˈpaɲs''', [[El Tarròs]], [[21 an t-Ògmhios]] [[1882]] – [[Barcelona]], [[15 an Dàmhair]] [[1940]]) [[neach-poileataigs]] agus fear-[[lagh|lagha]] à [[Catalòinia]]. Bha beachdan na làimhe clì aige agus bha e an sàs ann am poileataigs na dùthcha mar fhear-iomairt airson poblachdas agus còirichean do Chatalòinia. ‘S e ceannard [[Pàrtaidhpartaidh phoileatagachpoileatagach|a' phàrtaidh]] ''Esquerra Republicana de Catalunya'' ([[Gàidhlig]]: Làmh Chlì Phoblachdach Chatalòinia) a bh' ann, ministear Riaghaltas na Spàinne ([[1933]]) agus Ceann-suidhe Chatalòinia ri linn [[Dàrna Poblachd na Spàinne]], bho [[1934]] gu ruige [[1940]]. Theich e thall thairis an dèidh [[Cogadh Sìobhalta na Spàinne]] ach chaidh e a chur an greim san [[An Fhraing|Fhraing]] leis a' Ghestapo, fo iarrtas bhon a’ Phoileas san Spàinn. Chuireadh air ais gus An Spàinn e, far an d’ fhuair e fìor dhroch làimhseachaidh.<ref>{{iomradh leabhar | sloinneadh = Preston|ainm = Paul | ceann-là = 2012 | tiotal = The Spanish Holocaust | foillsichear = Harper Press | ionad = London |duilleagan = 493}}</ref> Nochd e ri beulaibh Cùirte [[Cogadh|a' Chogaidh]], agus chuireadh gu bàs e sa chaisteal Montjuic am Barcelona.<ref>FINESTRES, Jordi. «Lluís Companys. El president màrtir». Sàpiens (Barcelona), núm. 121 (octubre 2012), p.46-49. ISSN 1695-2014.</ref> Nuair a loisgeadh air dh'èigh e "Per Catalunya!" (Suas le Catalòinia!).<ref>Burns, Jimmy (2000). Barca: a people's passion. Bloomsbury. p. 126.</ref>
 
==Iomraidhean==