An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba"

Content deleted Content added
b corr using AWB
No edit summary
Loidhne 13:
}}
 
'S e earrann Albannach Pàrtaidh Libearal Deamocratach na Breatainne air fad a th’ann am '''Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba '''(no am Pàrtaidh Libearalach Deamocratach<ref>T.E.L.I. (2001) ''Faclair na Pàrlamaid ''(Dùn Èideann: Pàrlamaid na h-Alba)</ref>) is chaidh am [[partaidh poileatagach|pàrtaidh]] seo a chruthachadh ann an [[1988]] tro aonadh a’ Phàrtaidh Libearal còmhla ris a’ Phàrtaidh Sòisealta Deamocratach ann an Alba. Tha 5 seataichean dhe 129 air fad aca ann am [[Pàrlamaid na h-Alba]], 1 ann an [[Lunnainn]] (dhe 59 do dh’ Alba) ach chan eil Lib Deamach sam bith anns [[a' Bhruiseal]] (dhe 6 do dh'Alba). Tha 4,000 buill a’ phàrtaidh air feadh na h-Alba.
 
Ged a tha iad an aghaidh neo-eisimeileachd na h-Alba tha iad dhen bheachd gum bu chòir do Phàrlamaid na h-Alba tuilleadh cumhachdan fhaighinn, gu seachd àraidh conaltradh, lùth, drogaichean agus casg-breith. Tha iad gu math neo-eisimeileach dhen phàrtaidh ann an Lunnainn.