An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Faclairean Gàidhlig"
Content deleted Content added
No edit summary |
b corr using AWB |
||
Loidhne 2:
==Na briathrachain==
Mus robh faclairean fhèin ann, bha briathrachain ann, leabhraichean beaga a bha na b' fhaisge air liostaichean de dh'fhaclan na faclairean. Nochd a' chiad dhiubh ann an 1702 nuair a dh'fhoillsich an t-Urr. [[Robert Kirk]] liosta de dh'fhaclan mar leasachan dhan ''Scottish Historical Library'' aig [[William Nicolson]].<ref name="comp">[[Derick Thomson|Thomson, D.]] ''The Companion to Gaelic Scotland'' (1994) Gairm ISBN 1-871901-31-6</ref>
Bha liostaichean na bu mhotha san leabhair aig [[Edward Lhuyd]], a' chiad duine a rinn [[rannsachadh blàir]] eadar 1699-1700, gu h-àraidh briathrachas [[Earra-Ghàidheal|Earra Ghàidheal]] is [[Siorrachd Inbhir Nis]], ged nach deach fhoillseachadh ach greis mhath 'na dhèidh sin.
|