An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Den Haag"

Content deleted Content added
b corr using AWB
b corr using AWB
Loidhne 17:
}}
 
‘S e [[baile]] mòr agus [[port]] air an àirde an ear-dheas [[Na Tìrean Ìsle|nan Tìrean Ìsle]] a th’ ann an '''Den Haag''' neo ''''s-Gravenhage''' ([[IPA]]: '''dɛnˈɦaːx'''/'''sxraːvə(n)ˌɦaːɣə''' [[Portagailis]]: Haia,[[Laideann]]/[[Pòlais]]/[[Romàinis]]: Haga, [[Spàinntis]]: La Haya, [[Fraingis]]: La Haye). Tha e suidhichte aig 4m os cionn ìre na [[Muir|mara]],<ref>[http://population.mongabay.com/population/netherlands/2747373/den-haag Mongabay]</ref> anns an roinn Zuid-Holland (An Òlaind a Deas). Tha am baile 21km air falbh bho [[Rotterdam]] ([[Prìomh-bhaile]] na dùthcha), 53km bho [[Amsterdam]], 56km bho [[Utrecht]] agus 199km bho [[Groningen|Ghroningen]].<ref>[http://distancecalculator.globefeed.com Distance Calculator]</ref> Tha 504,260 duine a' fuireach anns a’ bhaile fhèin, leis gur e an treas baile as motha san [[Dùthaich|dùthaich]], <ref>{{cite web|url=http://www.world-gazetteer.com/wg.php?x=&men=gcis&lng=en&des=wg&srt=pnan&col=adhoq&msz=1500&geo=-160|title=Bailtean na Cruinne|archiveurl=http://archive.is/H3gLW|archivedate=2013-06-21}}</ref> <ref>[http://www.geonames.org/NL/largest-cities-in-netherlands.html Geonames]</ref> ach tha mu 1,088,508 anns an sgìre air fad.<ref>[http://openbaar.haaglandenincijfers.nl/ Haaglanden in Cijfers]</ref> Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turas ann an [[1242]] mar ''Die Haghe'' (A' Choille). Dh'atharrachadh an t-ainm gu ''Des Graven Hage'' (Coille an Iarla) san [[15mh linn]]. Canar 'Den Haag' ach sgrìobhar ' 's-Gravenhage', gu h-oifigeil.<ref>[http://taaladvies.net/taal/advies/vraag/1199/ Taal Advies]</ref> Tha banrìghinn na dùthcha a' fuireach an seo.
Chaidh Cornelius agus [[Johan de Witt]] a chur gu bàs an seo le gràisg fheargach fhiadhaich ann an [[1672]], ri linn [[Rampjaar|Bliadhna na Dosgainne]].<ref>[http://www.nndb.com/people/495/000097204/ NNDB]</ref>