An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Aonadh Kalmar"

Content deleted Content added
No edit summary
smachd ùghdarrais
Loidhne 23:
| BRATACH_IAR-THEACHDAICHE_2 = Flag of Denmark.svg
}}
B' e [[stàit]] air a stèidheachadh air aonadh pearsanta an Rìgh a bh' anns an '''Aonadh Kalmar''' ([[Danmhairgis]]/[[Nirribhis]]/[[Suainis]]: ''Kalmarunionen'', [[Laideann]]: ''Unio Calmariensis'').<ref>[http://www.sydsverige.dk/?pageID=314 Sydsverige]</ref> Chaidh a chruthachadh ann an [[Kalmar]] ann an [[1397]] tro aonadh [[An Danmhairg|Rìoghachd na Danmhairge]], [[Nirribhidh|Rìoghachd Nirribhidh]] agus [[An t-Suain|Rìoghachd na Suaine]]. Chruthachadh an t-Aonadh Kalmar air sàilleabh gu robh cunnart ann gum fàsadh an Lìog Hansa na bu chumhachdaile ann an [[Lochlann]] agus thar na [[Am Muir Baltach|Mara Baltaich]].<ref>[https://snl.no/Kalmarunionen Store Norske Leksikon]</ref> Cha b' e aon stàit a bh' ann, ach trì stàitean - agus an cuid cholonaidhean - fo stiùireadh aon Rìgh. B' ann ann an [[Halmstad]] a rèiteachadh cò a bhiodh na Rìgh. Cha do mhair an t-Aonadh Kalmar o chionn 's gur robh coimhearachd ann bho [[Uachdaran|uaislean]] na Suaine.<ref>[http://www.axl.cefan.ulaval.ca/europe/kalmar-union.htm Université Laval]</ref> Ged a bha an stàite ann fad 126 [[bliadhna]], thathar a' fàgail air nach robh ach a' chaoile ghorm a bh' ann.<ref>[http://www.so-rummet.se/kategorier/kalmarunionen Rummet]</ref> Bhris an t-Aonadh Kalmar a-mach às a chèile ann an [[1523]] mu dheireadh thall, ged a lean Nirribhidh fo buaidh na Danmhairge gu ruige [[1827]].<ref>[http://danmarkshistorien.dk/leksikon-og-kilder/vis/materiale/kalmarunionen-1397-1523/ Danmarks Historien]</ref> Cha b' urrainn dha na Rìghrean an t-aonadh pearsanta atharrachadh gu stàit aonadach. B' e sin a bha aig cnag na cùise ann an còmhstri eadar an Danmhairg agus [[a' Phrùis]] fad an [[19mh Linn]].<ref>[http://fortress-scandinavia.dk/Slesvigske-krige/index.htm Fortress Scandinavia]</ref> Ghabh an t-Aonadh Kalmar a-steach sgìrean mòra anns [[a' Ghraonlainn]], ann an [[Suòmaidh]], anns [[an Ruis]], anns [[a' Ghearmailt]], ann an [[Innis Tìle]] agus - a bharrachd air [[Arcaibh]] agus [[Sealtainn]] ann an [[Alba]].
 
== Iomraidhean ==
<references/>
{{Smachd ùghdarrais}}
 
[[Roinn-seòrsa:An t-Suain]]
[[Roinn-seòrsa:An Danmhairg]]