An diofar eadar na mùthaidhean a rinneadh air "Spàinntis"

Content deleted Content added
b corr using AWB
b corr using AWB
Loidhne 42:
=== A' Bhuaidh Arabach ===
 
Ann am 711 Ràinig airm Muslamach an ceann a deas na Spàinne, le ceann-feachda ris an canadh Tariq Ibn Ziyad os a chionn. Bha Arabais na chànan làitheil beò anns an dùthaich gu ruige 1592, nuair a cheannsaich feachdan Rìgh Fernando agus Banrighinn Isabel an Rìoghachd Mhuslamach mu dheireadh ann an Granada, is na Muslamaich nam fògarraich anns na beanntan neo thall thairis ann am [[Maroco]]. 'S e Al Andalus an t-ainm a bha air na tìrean Muslamaich far a bheil An Spàinn agus A' Phortagail an latha an-diugh. Rè 881 bliadhna bha cultar Arabach, [[saidheans,]], ionnsachadh, [[àiteachas]], smuaintean agus cleachdaidhean ma sgaoil air feadh na dùthcha agus gu ruige an Roinn Eòrpa. Chruthaich rìghrean na Spàinne Sgoil Eadar-Theangaidh ann an Toledo, an dèidh am baile a thoirt bho na Muslamaich ann am 1085. Le sin, fhuair an Roinn Eòrpa beartas mòr bhuapa. A bharrachd air Muslamaich, bha coimhearsnachdan [[Iùdhachd|Iùdhaich]] agus Crìostaidh nan tàmh gu sìtheil còmhla.
 
Seo sreath fhacail le tùs Arabach ann an Spàinntis. Mar as àbhaist, tha iad uile faclan foghlaimte, àiteachail, biadh bho thall thairis neo cogail.